Tuathanas-èisg a' call clàradh RSPCA rè ùine

Thuirt an RSPCA gu bheil na tha ri fhaicinn sa bhidio na adhbhar dhragh dha-rìribh
- Air fhoillseachadh
Chaidh tuathanas-èisg san Eilean Sgitheanach a chur far chlàr-fheabhais an RSPCA rè ùine, agus a' bhuidheann a' rannsachadh aithrisean mu dhroch chleachdaidhean.
Thòisich sgrùdadh mun tuathanas bhradan aig Mowi ann an Loch a' Mharpa an dèidh don bhuidhinn, Green Britain Foundation bhidio a chaidh a chlàradh aig an làraich a leigeil mu sgaoil.
'S e an RSPCA, seach an SSPCA, a th' air a bhith a' rannsachadh an tuathanais, leis gur ann fo sgeama leotha-san a tha am bradan ga reic.
Leis an tuathanas ga chur a-mach às an sgeama barrantais rè ùine, dh'fhaodadh gun diùilt cuid de mòr-bhùithdean na Rìoghachd Aonaichte an fheòil bhradan aca a chur air na sgeilfichean.
Tha Green Britain Foundation ag ràdh gun do chlàr iad bhidio de luchd-obrach a' briseadh inbhean a' ghnìomhachais le a bhith a' bualadh èisg gu bàs agus gam mùchadh.
A rèir inbhean maith bheathaichean, chan fhaod iasg beò a chumail a-mach às an uisge nas fhaide na 15 diogan, agus bu chòir "buille chruaidh mun cheann às nach tig iad beò" a thoirt do dh'iasg a tha a' bàsachadh "gus an caill e mothachadh sa bhad".
Ach thuirt an Green Britain Foundation gu bheil am bhidio a' sealltainn gun deach iasg fhàgail a-mach às an uisge a' tachdadh airson mhionaidean ann an sreath, agus gun deach grunn bhuillean a thoirt do chuid mus do bhàsaich iad.
Thuirt Mowi Scotland nach eil casg an RSPCA a' bualadh ach air a' ghoireas aca ann an Loch a' Mharpa, agus gu bheil iad a co-obrachadh leis an rannsachadh.
Thuirt a' chompanaidh gu bheil iad fhathast a' solarachadh bhùithdean bho chòrr is 50 tuathanas eile a tha clàraichte fo sgeama maith nan ainmhidhean.
Tha an RSPCA ag ràdh gu bheil iad air am bhidio a chur gu Buidheann Slàinte nan Lusan 's nam Beathaichean, a dh'fhaodas an gnothaich a toirt gu lagh ma tha iad a' smaointinn gum biodh sin iomchaidh.