Sgiobaidhean ag amas air iar-chuairt dheireannach Chupa na Camanachd

- Air fhoillseachadh
Tha là mòr san iomain Disathairne is Cupa na Camanachd air an cairteal-chuairt dheireannach a ruighinn.
Tha Baile Ùr an t-Slèibh, a bhuannaich an cupa an-uiridh, aig an taigh an aghaidh Ghleann Urchadain ann an geama a tha a' toirt ri chèile nan sgiobaidhean a tha aig mullach na Prìomh Lìge is na Lìge Nàiseanta.
Tha iad air coinneachadh mar-thà san t-seusan seo is am Baile Ùr air buannachadh 3-1 ann an Druim na Drochaid ann an Cupa MhicThàmhais sa Ghiblean.
'S iad Ceann a' Ghiùthsaich an aon sgioba a rinn a' chùis air a' Bhaile Ùr am-bliadhna ann am farpais sam bith - ann an cuairt dheireannach Chupa MhicThàmhais - is tha iadsan aig an taigh Disathairne an aghaidh Cheann Loch Seile.
Tha geamaichean eadar an dà sgioba seo air a bhith faisg anns na bliadhnaichean mu dheireadh, gu dearbh 's e Ceann Loch Seile a-mhàin a rinn an gnothach air Ceann a' Ghiùthsaich san lìog an-uiridh, ach bidh feum air oidhirp shònraichte bho sgioba Loch Aillse airson buannachadh ann am Bàideanach ann an Cupa na Camanachd.
Tha na Sgitheanaich a' cur fàilte air a' Ghearasdan ann am Port Rìgh, cola-deug às dèidh a' chùis a dhèanamh orra 4-0 san lìog.
Bhon uairsin tha na Sgitheanaich air call 6-0 ri Ceann a' Ghiùthsaich, fhad 's a bha an Gearasdan a' buannachadh 5-2 an aghaidh Chabar Fèidh.
Tha Cabers fhèin air an rathad chun an Òbain Disathairne, far an chaill iad 5-1 san lìog bho chionn cola-deug.
Bidh fios aca gum feum iad an geama aca a thogail gu mòr ma tha iad gus adhartas a dhèanamh sa chupa.
Tha aon gheama sa Phrìomh Lìog Disathairne is Caol Bhòid a' cur fàilte air Caol-Gleann.
Chaidh an dà gheama eadar na sgiobaidhean air an t-seusan seo a chur dheth ach bu chòir gun tèid e air adhart an turas seo is 's e geama eachdraidheil a bhios ann - a' chiad turas a-riamh aig dà sgioba à Comhghall cluich an aghaidh a chèile sa Phrìomh Lìog.
Chan ann air eachdraidh a bhios aire nan sgiobaidhean fhèin ge-tà ach puingean is iad ri chèile ann an cruaidh-chàs aig bonn na lìge.
Tha geama tarraingeach ann an Lìog Tuath 2 Disathairne is Cill Mhàilidh a' dol an aghaidh nan Leòdhasach ann an Siabost.
Ann an iomain nam ban bidh fòcas air an deireadh-sheachdain air a' Champa Nàiseanta a tha a' dol air adhart ann an Gleann Amain ann an Siorrachd Pheairt.