Dragh ann mu fhear às a' Bheilg a tha a dhìth san Eilean Sgitheanach

Fear le ad bhileach air agus seacaid dhubh le mullach orainds. Ri thaobh tha balach le aodann air a dhubhadh às. Tùs an deilbh, POILEAS ALBA
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh Hector Patemore fhaicinn mu dheireadh aig mu 10.45 madainn Didòmhnaich

  • Air fhoillseachadh

Tha na poilis air a' Ghàidhealtachd ag ràdh gu bheil suidheachadh neach-turais air nach eil sgeul an dèidh dha a dhol a shreap sa Chuiltheann san Eilean Sgitheanach na adhbhar dragh dhaibh.

Chan fhacas Hectore Patemore, 45, bho mu 10.45 madainn na Sàbaid.

Chuir a theaghlach fios gu na poilis mu 10.25 oidhche na Sàbaid nuair nach do thill e nuair a bha còir.

Tha na poilis ag ràdh gur e neach-sreap eòlach a th' ann agus gun robh e gu bhith a' leantainn slighe an ìre math sìmplidh.

Dh'fhalbh Mgr Patemore, a tha a' fuireach sa Bheilg, às an Ostail Òigridh ann an Gleann Breatail a' dèanamh air Sgùrr na Banachdich agus e gu bhith a' tèarnadh taobh Coire na Banachdich.

'S e fear geal a th' ann, sia troigh agus ceithir òirlich de dh'àirde, caol le falt beàrrta agus feusag bheag.

Nuair a chaidh e a-mach bha seacaid dhearg, lèine mhustard le cochall agus ad air.

Thathar a' creidsinn cuideachd gun robh baga-droma aige.

Dh'iarr an Sàirdseant David Mockett air duine sam bith le fiosrachadh fios a chur chun nam poileas., taobh a-muigh

Thuirt e: "Tha sinn gu sònraichte airson bruidhinn ri luchd-coiseachd eile a bha san sgìre Là na Sàbaid agus a dh'fhaodadh a bhith air Hector fhaicinn neo aig a bheil fiosrachadh a dh'fhaodadh innse dhuinn far a bheil e agus an t-slighe a ghabh e."