MV Loch Seaforth fhathast briste

  • Air fhoillseachadh
MV Loch SeaforthTùs an deilbh, CMAL

Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn air dearbhadh nach bi seirbheis aiseig eadar Steòrnabhagh agus Ulapul airson a' chòrr den là Dimàirt.

Dh'innis iad gu bheil an trioblaid theicnigeach ann an seòmar einnsein an MV Loch Seaforth fhathast gun chàradh agus, mar sin, nach bi seòladh ann à Ulapul aig 5:30f.

Thàinig e am follais gun robh rudeigin ceàrr agus i air a slighe a dh'Ullapul feasgar Diluain.

Leis gu bheil an soitheach ceangailte ann an Ulapul tha sin a' ciallachadh nach bi seirbheis à Steòrnabhagh madainn Diciadain aig 7:00m.

Nì CalMac measadh às ùr air an t-suidheachadh aig 7:00 madainn Diciadain feuch am bi seòladh à Ulapul aig 10:30m.

Chuir CalMac seirbheis a bharrachd air dòigh eadar Ùige 's an Tairbeart Dimàirt.

Thuirt iad gur iad carbadan a bhios a giùlain bathair a gheibh prìomhachas air an t-seirbheis a dh'fhalbhas às an Tairbeart aig 8:40f agus às Uige aig 10:50f.

Thabhainn Calmac leisgeul airson na buaidhe a tha seo air toirt air luchd-siubhail.

Iomagain

Dh'innis Cathraiche Comataidh Còmhdhail Chomhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, gu bheil dragh air mun t-seirbheis san àm ri teachd.

"Seo am bàt-aiseig as ùire a th' aca," thuirt e.

"Tha i mu ochd bliadhna de dh'aois, agus bhiodh tu an dòchas aig an aois sin nach biodh duilgheadasan mar seo a' tachairt.

"Aon uair 's gun tòisich na rudan seo a' tachairt tha iad a' cumail orra.

"Chunnaic sinn cho math 's a rinn an Hebrides fhèin còrr is 20 bliadhna, ach an uairsin nuair a thòisich trioblaidean a' tachairt chùm iad a' dol.

"Tha na soithichean aig Caledonian Mac a' Bhriuthainn a' fàs nas aosta agus tha seo gus a bhith romhainn dh'fhaodadh tu a ràdh gun tig soithichean ùra a-steach ann an còrr is bliadhna.

"Mar sin tha e gus a bhith gu math doirbh dha na h-eileanan uile thairis air an ath-bhliadhna gu bliadhna gu leth," thuirt e.

Seirbheisean earbsach

Thuirt Ministear na Còmhdhail, Caomhainn Stiùbhairt BPA: "Tha sreath thrioblaidean teicnigeach le bàtaichean air dàil a chur air obair-càraidh bhliadhnail a' chabhlaich agus tha sin air fàgail gu bheil seòlaidhean gan cur dheth.

"Gu mì-fhortanach tha seo air fìor dhroch bhuaidh a thoirt air coimhearsnachdan eileanach agus tha sinn ag aithneachadh gu bheil cruaidh fheum ann gum faigh iad seirbheisean aiseig a tha seasmhach agus san gabh earbsa cur.

"Tha Riaghaltas na h-Alba air còrr air £2b a chosg air seirbheisean aiseig bho 2007 agus tha sinn air planaichean fhoillseachadh airson mu £700m a chosg thairis air còig bliadhna airson bunstructar nan aiseagan a leasachadh.

"Bhon Chèitean 2021, tha sinn air bàta eile, an MV Loch Frisa a cheannach, an MV Arrow agus an MV Alfred fhaighinn air màl, agus cùmhnant a thoirt seachad airson dà aiseag ùr do dh'Ìle, agus airgead a chosg air cidheachan agus calaichean a leasachadh.

"Tha sinn ag iarraidh an aon rud agus a bu mhiann le eileanaich gum bi seirbheisean aiseig seasmhach ann agus tha sinn a' coimhead air adhart ri conaltradh riutha mu sheirbheisean san àm ri teachd agus mu shoithichean ùra."