Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

Diagraman staitistigeachA' mìneachadh ghrafaichean

Faodar fiosrachadh staitistigeach a shealltainn ann an diagraman. Tha an earrann seo a' sealltainn ri bhith a' tarraing, a' mìneachadh agus a' coimeas dhiagraman.

Part ofGnìomhan MatamataigsStaitistearachd

A' mìneachadh ghrafaichean

Tha e cudromach gum bi graf feumail agus gum bi am fiosrachadh soilleir airson a thoirt às.

A' cleachdadh sgèile air axes ghrafaichean

Two line graphs: one with an inappropriate scale and the other with an appropriate scale

Chan eil an sgèile air a' ghraf air an làimh chlì freagarrach. Tha na h-àireamhan a' dol suas nas àirde na dh'fheumas iad air an dà axis. Tha sin a' ciallachadh gu bheil na puingean air am putadh a-steach a phàirt beag dhen ghraf, agus tha e doirbh an leughadh ceart.

Tha sgèile a' ghraf air an làimh dheis a' freagairt air an fhiosrachadh. Tha na puingean a' lìonadh na duilleig gu lèir agus tha e nas fhasa a leughadh.

A graph with unequal axis

Air a' ghraf seo, chan eil na beàrnan air an axis bhuinn co-ionann agus tha e doirbh a leughadh.

Bu chòir do sgèile tòiseachadh aig neoni, no a bhith air an dinneadh ri chèile mar a chì thu air a' y-axis sa ghraf gu h-àrd.