Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

Diagraman staitistigeachGraf-loidhne

Faodar fiosrachadh staitistigeach a shealltainn ann an diagraman. Tha an earrann seo a' sealltainn ri bhith a' tarraing, a' mìneachadh agus a' coimeas dhiagraman.

Part ofGnìomhan MatamataigsStaitistearachd

Graf-loidhne

Tha iomadh dòigh ann air graf-loidhne a chleachdadh gus fiosrachadh toinnte a shealltainn.

Tha ainm gach axis a rèir 's an t-sùim a th' air a leubaileadh. Dh'fhaodadh gur e \(x\) agus \(y\) a bhios an seo, no ùine agus teòthachd.

Two line graphs, one with axis labelled x and y and one with axis labelled time and temperature

Ma tha aon uiread an eisimeil uiread eile, bidh am fear a tha an eisimeil an fhir eile an-còmhnaidh air a chomharrachadh air an axis bheartagail.

Eisimpleir

Tha companaidh a' cur nan cosgaisean a leanas air lìbhrigeadh pharsailean.

Line graph showing that courier cost depends on the amount of parcels

Tha a' chosgais an eisimeil àireamh nam parsailean, agus chan e an àireamh pharsailean air a' chosgais.

Question

Tha luach reic bathair sa chiad leth de bhliadhna a' nochdadh sa chlàr seo.

MìosLuach reic
Am Faoilleach\(£3\,500\)
An Gearran\(£1\,300\)
Am Màrt\(£4\,200\)
An Giblean\(£6\,000\)
An Cèitean\(£4\,000\)
An t-Ògmhios\(£3\,500\)
MìosAm Faoilleach
Luach reic\(£3\,500\)
MìosAn Gearran
Luach reic\(£1\,300\)
MìosAm Màrt
Luach reic\(£4\,200\)
MìosAn Giblean
Luach reic\(£6\,000\)
MìosAn Cèitean
Luach reic\(£4\,000\)
MìosAn t-Ògmhios
Luach reic\(£3\,500\)

Ciamar a shealladh tu am fiosrachadh seo air graf?