Clàran-cearcaill
Bidh clàr-cearcaill ga tharraing mar chearcall a sheallas an dàta. Tha 360 ceum sa chearcall agus bidh iad air an roinn a rèir co-chuid gach uiread a tha a' nochdadh.
Eisimpleir
Tha an clàr a leanas a' sealltainn far an deach buidheann sgoilearan airson nan saor-làithean. Tha na toraidhean air an toirt mar cheudadan agus feumar an atharrachadh gu ceuman a thèid a thomhas agus a tharraing mar chlàr-cearcaill.
| Ceann-uidhe | Ceudad sgoilearan (%) | Obrachadh | Ceàrn |
| An Spàinn | 40 | \(\frac{40}{100} \times 360^\circ\) | \(144^\circ\) |
| Ameireaga | 25 | \(\frac{25}{100} \times 360^\circ\) | \(90^\circ\) |
| An Fhraing | 5 | \(\frac{5}{100} \times 360^\circ\) | \(18^\circ\) |
| Alba | 20 | \(\frac{20}{100} \times 360^\circ\) | \(72^\circ\) |
| A' Ghrèig | 10 | \(\frac{10}{100} \times 360^\circ\) | \(36^\circ\) |
| Ceann-uidhe | An Spàinn |
|---|---|
| Ceudad sgoilearan (%) | 40 |
| Obrachadh | \(\frac{40}{100} \times 360^\circ\) |
| Ceàrn | \(144^\circ\) |
| Ceann-uidhe | Ameireaga |
|---|---|
| Ceudad sgoilearan (%) | 25 |
| Obrachadh | \(\frac{25}{100} \times 360^\circ\) |
| Ceàrn | \(90^\circ\) |
| Ceann-uidhe | An Fhraing |
|---|---|
| Ceudad sgoilearan (%) | 5 |
| Obrachadh | \(\frac{5}{100} \times 360^\circ\) |
| Ceàrn | \(18^\circ\) |
| Ceann-uidhe | Alba |
|---|---|
| Ceudad sgoilearan (%) | 20 |
| Obrachadh | \(\frac{20}{100} \times 360^\circ\) |
| Ceàrn | \(72^\circ\) |
| Ceann-uidhe | A' Ghrèig |
|---|---|
| Ceudad sgoilearan (%) | 10 |
| Obrachadh | \(\frac{10}{100} \times 360^\circ\) |
| Ceàrn | \(36^\circ\) |
Mar sin, seo mar a bhios an clàr-cearcaill.
Question
Chaidh iarraidh air sgoilearan ann an clas buinn a shadail. B' e an toradh a bh' ann 13 cinn agus 17 earbaill.
Seall am fiosrachadh seo ann an clàr-cearcaill.
Bhon a tha 30 toradh ann, roinn 360 le 30, agus mar sin tha 12 ceuman anns gach roinn.
Cinn \(= 13 \times 12 = 156^{\circ}\)
Earbaill \(= 17 \times 12 = 204^{\circ}\)