Eilean Eige @25
Bha deireadh sheachdainn mhòr aca ann an Eilean Eige agus iad a' comharrachadh 25 bliadhna bhon a ghabh iad sealbh air an eilean.
Tha àireamh-sluaigh an eilein air dùblachadh bhon uarsin agus tha ceangal ris an dealan aig a h-uile taigh bho chumhachd ath-nuadhachail.
Tha an aithris seo aig Alasdair MacLeòid le taic-ciùil bho oigridh an eilein