Ceithir buinn san amar do dh'Alba aig Glaschu 2026

- Air fhoillseachadh
Thòisich iomairt na h-Alba san amar-snàimh aig Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis le brag oidhche Haoine is iad a' togail ceithir buinn.
'S e fear de shàr-rionnagan na sgioba, Donnchadh Scott, a thòisich cùisean is e faighinn bonn òir san 200m individual medley agus bhrist e clàr nan geamaichean aige fhèin cuideachd.
An uair sin, thog am fear-snàimh-para, Stephen Clegg, bonn airgid san 100m freestyle S13 mus d'fhuair Katie Shanahan bonn airgid cuideachd san 200m backstroke.
Le ionad Tollcross air bhoil, thog Faye Rodgers an dàrna bonn òir den oidhche do dh'Alba goirid às dèidh sin anns an 200m individual medley SM10.
Bha mòran den bheachd gur e Scott am fear a bu choltaiche a' chiad bonn òir a bhuannachadh do dh'Alba aig na geamaichean is a-niste air 14 buinn a bhuannachaidh aig ìre gheamaichean a' cho-fhlaitheis.
"Tha mi glè thoilichte às dèidh siud," thuirt Scott às dèidh dha bhonn fhaighinn is fonn nàiseanta na h-Alba a sheinn. "Chaidh an rèis mar a mhiannachainn, agus a' dh'innse na fìrinn, 's e faochadh a th' ann a bharrachd air rud sam bith eile."
Tha là trang aig na geamaichean Disathairne cuideachd le naoi buinn òir rim buannachadh, ochd dhiubh sin anns an amar-snàimh.