Neach gan sireadh 'son bùth is stèisean connaidh a ruith an Cille Chòmhain

Dhùin an aon bhùth a bha sa bhaile, agus an stèisean connaidh, an-uiridh
- Air fhoillseachadh
Tha muinntir Cille Chòmhain a' sireadh cuideigin a ruitheas bùth agus stèisean connaidh coimhearsnachd an dèidh do dh'iomairt £150,000 a thogail ann an dà mhìos.
Dhùin an aon bhùth agus stèisean connaidh a bh' anns a' bhaile, ann an Àird nam Murchan, san Dàmhair an-uiridh.
Bha sin a' fàgail gun robh - 's gu bheil fhathast - aig muinntir na sgìre turas 100 mìle a ghabhail airson goireasan riatanach fhaighinn.
Siud ma tha iad airson am faighinn air tìr-mòr, oir ged a tha Cille Chòmhain suidhichte air tìr-mòr tha na goireasan as fhaisge ann an Tobar Mhoire an Eilean Mhuile, agus aiseag a' ruith eadar an dà bhaile.
Thòisich iomairt gus airgead a thogail anns a' Ghearran.
Muinntir Chille Chòmhain ag amas air goireasan ùra coimhearsnachd
- Air fhoillseachadh9 An Gearran
Tha Companaidh Leasachadh Coimhearsnachd Àird nam Murchan a-niste a' sireadh cuideigin a bheir a-mach gabhaltas air a' ghoireas ùr, a thèid a thogail air làrach a thug Oighreachd Chille Chòmhain seachad an-asgaidh.
Thuirt a' bhuidheann gur e goireas ùr-nodha a bhios ann, a' tabhainn stuthan taighe agus biadh ionadail, connadh agus teàirrdseadh EV.
Bidh e ann an cridhe a' bhaile, faisg air a' chidhe-aiseig, agus a' bhuidheann airson 's nach e a-mhàin gun till e goireasan riatanach don choimhearsnachd as fhaide siar air tìr-mòr Bhreatainn, ach gun toir e taic don eaconomaidh ionadail cuideachd.