Sean is òg ag iomairt còmhla an Cille Chòmhain

Rinn a' chlann dealbh mòr gus aire a thogail dhan phròiseact
- Air fhoillseachadh
Tha muinntir a' bhaile as fhaide siar air tìr-mòr Bhreatainn a' togail airgid airson bùth agus stèisean-peatrail a thogail dhaibh fhèin an dèidh na goireasan a chall.
Thòisich muinntir Chille Chòmhain ann an Àird nam Murchan iomairt airson goireasan ùra a thogail don choimhearsnachd an dèidh mar a dhùin a' bhùth, san robh cuideachd Oifis a' Phuist agus stèisean-peatrail, san Dàmhair an-uiridh.
Thug Oighreachd Chille Chòmhain seachad an talamh saor an asgaidh agus tha a' choimhearsnachd a-nis a' togail airgid gus na goireasan ùra a thogail.

Dhùin an seann bhùth agus an stèisean-peatrail na cois san Dàmhair an-uiridh
Ged a tha Cille Chòmhain suidhichte air tìr-mòr tha na goireasan as fhaisge ann an Tobar Mhoire an Eilean Mhuile.
Thuirt aon de luchd-còmhnaidh a' bhaile, Alasdair "Pinkie" Camshroin: "Gheibheadh tu airgead sa phost office is tha fear an Àth Tharracail agus an Tobar Mhoire, ach ma tha thu a' fàs sean chan eil sin cho furasta."
An-uiridh ge-tà chaidh an t-aiseag-chàraichean a thoirt air falbh airson greis agus bha aig daoine ri dràibheadh gu Sròn an t-Sìthein gus peatral fhaotainn, turas a bheir mu dhà uair de thìde gu leth a' dol ann agus air ais.

Bidh muinntir Chille Chòmhain tric a' dol do na bùthan am Muile seach na goireasan as fhaisge air tìr-mòr
Bidh muinntir an àite - sean is òg - a' cruinneachadh gu cunbhalach airson biadh a ghabhail còmhla an ionad-coimhearsnachd Chille Chòmhain.
'S e cothrom a th' ann dhaibh cluinntinn mu mar a tha a' dol dhan phròiseact gus bùth is stèisean-peatroil ùra a thogail dìreach ri taobh an ionaid.
Rinn a' chlann dealbh mòr gus aire a thogail dhan iomairt.
Thuirt Rosie Curtis, Cathraiche Companaidh Leasachaidh Coimhearsnachd Àird nam Murchan an Iar: "Cho luath agus a gheibh sin cead-dealbhachaidh bidh spaid sa ghrunnd dà là as dèidh sin!"
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh28 Am Màrt 2024
