Pàirc Uisge a' Ghlinne Mhòir ri reic

- Air fhoillseachadh
Thèid Pàirc Uisge a' Ghlinne Mhòir, a bhios a' tàladh nam mìltean luchd-tadhail a h-uile bliadhna, a reic aig rùp nas fhaide den mhìos seo.
Thathas a' sireadh £1m airson a' ghoireis, aig an Lagan air Loch Omhaich, faisg air Inbhir Garadh.
Thairis air 12 àcair, tha 30 aonad saor-làithean agus ceithir taighean na lùib, a thuilleadh air marina le laimrig agus pontùin.
Loidse Inbhir Làire air a' mhargaidh
- Air fhoillseachadh11 An t-Ògmhios 2025
Tha amar-snàimh a-staigh agus taigh-bìdh cuideachd an lùib na tha ri reic.
Faisg air Tobar nan Ceann agus seann Chaisteal Inbhir Gharadh, tha an làrach ri taobh an A82, agus mòran luchd-turais a' gabhail tron sgìre.
Thèid an rùp a chumail aig 2:30f Diardaoin an 16mh là den Ghiblean.