Ceistean mòra mu àrd-sgoil Ghàidhlig do na h-Eileanan an Iar

Àrd-sgoil MhicNeacailTùs an deilbh, Google
Fo-thiotal an deilbh,

Tha ceist ann mun bhuaidh shòisealta agus co-ionanannachd ma 's ann an Steòrnabhagh a bhiodh an sgoil, neo an cois Àrd-sgoil MhicNeacail

LeAilig John Moireasdan
BBC NaidheachdanAg aithris àLeòdhas
  • Air fhoillseachadh

Fhuair rannsachadh a dh'iarr Comhairle nan Eilean Siar agus iad a' coimhead an gabhadh àrd-sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh gu bheil iomagain mu fhoghlam Gàidhlig an àrd-sgoiltean na sgìre.

Thuirt Plana Gàidhlig an ùghdarrais ionadail an 2024 gun deigheadh coimhead ri sgrùdadh a dhèanamh mu àrd-sgoil fa leth, agus dh'aontaich comhairlichean sa Ghearran an-uiridh a dhol air adhart le sgrùdadh.

Rinn Oilthigh Dhùn Èideann an obair rannsachaidh a' trusadh bheachdan mun mholadh le maoineachadh bho Riaghaltas na h-Alba.

Nochd draghan san aithisg, taobh a-muigh aca mu na tha de sgoilearan a tha a' dèanamh Gàidhlig mar chuspair, agus tha sgaradh bheachdan ann mu a bheil àrd-sgoil Ghàidhlig idir a dhìth.

B' e seasamh na comhairle fad ùine mhòr nach robh feum air sgoil Ghàidhlig fa leth agus mar sin 's e atharrachadh poileasaidh mòr a bhiodh ann tè a stèidheachadh.

Tha ceithir àrd-sgoiltean - am Bàgh a' Chaisteil, Lìonacleit, an Tairbeart agus Steòrnabhagh - agus fhuair rannsachadh Oilthigh Dhùn Èideann gu bheil daoine mì-thoilichte le na goireasan Gàidhlig a th' annta.

Tha Ceannard an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar, Dòmhnall MacLeòid, a' gabhail ris gu bheil "daoine a' sùileachadh barrachd a-nis bho chuspairean san àrd-sgoil na bha ron seo".

Thuirt e: "Feumaidh sinn neartachadh teagaisg agus na cuspairean 's na cothroman aig àrd-ìre agus tha an rannsachadh ag innse dhuinn an-dràsta nach eil an suidheachadh sna ceithir sgoiltean freagarrach agus gum feum rudeigin atharrachadh."

Nochd an aithisg gu bheil sgaradh bheachdan ann mu làrach àrd-sgoil ùir agus mu neo-ionannachd a thaobh ghoireasan agus a' bhuaidh shòisealta ma 's ann an Steòrnabhagh a bhiodh i.

Thuirt Dòmhnall MacLeòid: "Feumaidh sinn smuain a thoirt air càite am biodh an sgoil air a stèidheachadh, an e sgoil ùr a bhiodh ann neo an e pàirt de sgoiltean eile."

Bha a' mhòr-chuid a thug seachad beachd ag ràdh gum feumadh buannachd a bhith ann dhan na h-eileanan air fad. Leis an sin, thèid coimhead cuideachd ri goiresan air-loidhne is roghainnean air nach deach beachdachadh fhathast.

"Feumaidh na goireasan ùra a tha sinn a' stèidheachadh a bhith sa h-uile coimhearsnachd airson 's gum biodh na h-aon chothroman aig a h-uile sgoilear thairis air na h-Eileanan an Iar air fad," mhìnich Mgr MacLeòid.

Beachdachaidh buill Comataidh na Gàidhlig Diluain air toraidhean na h-aithisge, agus bidh Comataidh an Fhoghlaim a' cnuasachadh orra Dimàirt.