Triùir an greim an Inbhir Ùige an dèidh ionnsaigh

- Air fhoillseachadh
Tha na poilis air dithis fhireannach agus aon bhoireannach a chur ann an greim an dèidh droch ionnsaigh ann an Inbhir Ùige oidhche Luain.
Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm gu Rathad Ghlàmais mu 23:45f agus chaidh fireannach a thoirt dhan ospadal airson leigheis.
Chaidh dithis fhear, 30 agus 54, agus boireannach, 33, a chur ann an greim.
Thuirt Poileas Alba gu bheil an sgrùdadh a' leantainn.

Thachair an ionnsaigh ann an sgìre Sràid an Rìgh feasgar Disathairne
Tha na poilis cuideachd a' rannsachadh an dèidh droch ionnsaigh ann an Inbhir Nis.
Thugadh ionnsaigh air fireananch, 51, ann an sgìre Sràid an Rìgh den bhaile mu 12:55f Disathairne.
Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm ann agus chaidh an duine a thoirt a dh'Ospadal an Rathaig Mhòir.