Oifis a' Phuist sa Ghearasdan a' dùnadh a-màireach

Tha a' bhùth sa bheil Oifis a' Phuist sa Ghearasdan an-dràsta a' dùnadh
- Air fhoillseachadh
Dùinidh Oifis a' Phuist sa Ghearasdan Disathairne, ach a dh'aindeoin oidhirpean, cha deach àite freagarrach eile a lorg fhathast.
'S ann taobh a-staigh bùth TG Jones a tha e ach tha sin a' dùnadh, agus mar sin feumar àite ùr a lorg dha Oifis a' Phuist.
Ged a tha Oifis Puist eile còig mìle air falbh sa Chorpaich chan eil na h-aon sheirbheisean aca an sin.
"Tha am fear anns a' Chorpaich fada nas lugha na am fear mòr a th' againn anns a' bhaile," thuirt Emma Nic an Lìghiche, a tha a' fuireach sa Ghearasdan.
"Tha mise draghail nach bi comas aig an tè a bhios ag obair ann a bhith ag obair leis an uimhir de stuth a bhios a' tighinn a-staigh thuca."
Bidh an Oifis Puist as fhaisge le làn-sheirbheisean a-nis uair a thìde air falbh le càr, anns an Òban.

Tha dragh air Emma Nic an Lìghiche nach bi e furasta do sheann daoine gu h-àraid faighinn gu oifis na Corpaich
Tha dragh ann cuideachd mun bhuaidh a bheir an trafaig anns a' Ghearasdan air a' chothrom aig daoine falbh dhan Chorpaich 'son Oifis a' Phuist a chleachdadh.
Thuirt Emma: "Chan eil na busaichean a' dol ach gach uair de thìde a-mach dhan Chorpaich, agus tha sin doirbh airson nan seann daoine, chanainnsa, a bhios a' cleachdadh na seirbheis as motha."
Tha ceist air muinntir an àite carson nach gabh oifis puist ùr a shuidheachadh ann an tè de na bùithdean falamh ann am meadhan a' bhaile.

Tha Anndra Bacasdair BPA draghail gum bi suas ri sia mìosan mus bi làrach eile air a chur air dòigh, 's nach bi an goireas ri fhaotainn sa bhaile san ùine sin
Tha BPA na sgìre, Anndra Bacasdair, air a bhith a' feuchainn ri Oifis a' Phuist a chuideachadh àite eile ach tha dragh air gum bi iad greis às aonais Oifis a' Phuist sa Ghearasdan ged a bhiodh iad soirbheachail.
"Gu mì-fhortanaich tha pròiseas reachdail a' ruith a tha stèidhichte san lagh fo am feum co-chomhairle 12 seachdain a bhith ann aon uair 's gun dùin oifis puist, mus dearbhar làrach ùr," thuirt e.
"Ach tha mi an dòchas gum feuch Oifis a' Phuist ris a' phròiseas sin a ghiorrachadh gus a dhèanamh cho luath 's a ghabhas - no tha eagal orm gum bi sinn às aonais Oifis a' Phuist airson suas ri sia seachdainean."
Oifis a' Phuist as fhaide siar air tìr-mòr Bhreatainn a' fosgladh às ùr
- Air fhoillseachadh4 An Lùnastal
"Briseadh-dùil" gu bheil Oifis Puist Steòrnabhaigh ga reic
- Air fhoillseachadh9 An Giblean 2025
Thuirt neach-labhairt bho Oifis a' Phuist gu bheil làn-mhothachadh aca air an t-suidheachadh mhalairt dhùbhlanach a tha mu choinneimh TG Jones agus mòran luchd-reic eile air àrd-shràidean na dùthcha an-dràsta.
Thuirt iad cuideachd gu bheil fhios aca cho cudromach 's a tha seirbheisean Oifis a' Phuist do choimhearsnachdan ionadail.
Tha ùidh, thuirt iad, aig maighstir-puist eile ann a bhith stèidhichte sa Ghearasdan, agus gu bheil iad an sàs ann an còmhraidhean gus àite freagarrach a lorg.