Ionad an Eastgate an Inbhir Nis ga reic

Thathas ag iarraidh £97.5m nas lugha air an ionad na chaidh a phàigheadh air a shon mu dheireadh
- Air fhoillseachadh
Tha ionad-bhùithdean an Eastgate ann an Inbhir Nis ga chur air a' mhargaidh air phrìs £18.5m.
Dhearbh a' chompanaidh reic Knight Frank gu bheil iad air am fastadh airson an t-ionad a mhargaidheachd.
Chaidh a cheannach mu dheireadh le co-bhanntachd eadar na companaidhean Harbert Fund Management agus Scoop Asset Management ann an 2015 air £116m.
Tha sin a' ciallachadh gu bheil £97.5m nas lugha ga iarraidh air an ionad a-niste na na chaidh a phàigheadh air a shon o chionn 11 bhliadhna.
Tha seo a' tighinn agus fear de na h-aonadan as motha am broinn an Eastgate air a bhith bàn bho dhùin Debenhams a' bhùth aca ann ann an 2021.
Ann am brath, thuirt Ionad-Bhùithdean an Eastgate: "Tha an t-ionad fhathast ri malairt gu soirbheachail, agus e na cheann-ùidhe reic is coimhearsnachd cudromach do dh'Inbhir Nis agus an sgìre mun cuairt.
"Bidh an t-ionad fosgailte mar as àbhaist fhad 's a tha e air a' mhargaidh, gun bhuaidh sam bith air luchd-ceannaich, luchd-bùtha no gnothaichean làitheil".
Thuit iad gu bheil dùil aca gum bi e tarraingeach do luchd-ionmhais.
Ionad Eastgate an Inbhir Nis dùinte ach bùithdean riatanach
- Air fhoillseachadh24 Am Màrt 2020
Làrach bìdh ùr an Ionad an Eastgate an Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh13 An Gearran 2023
Leudachadh air an Eastgate
- Air fhoillseachadh24 An t-Ògmhios 2014
Tha ionadan den leithid a tha am meadhan bhailtean air a bhith a' strì o chionnn bhliadhnaichean le ionadan mòra air iomall bhailtean agus bùithdean air-loidhne a' toirt mòran den luchd-ceannaich aca air falbh.
Chaidh ionad-bhùithdean St Giles ann an Eilginn a dhùnadh san Fhaoileach an-uiridh.
Thuirt an t-Oll. Cathy Parker aig Oilthigh Mhetropolitan Mhanchester, a tha na h-àrd-rannsaiche air Buidheann Ghnìomha nan Àrd-Shràidean aig an Riaghaltas, ged a tha an t-ionad air call mòr a dhèanamh, gu bheil an dòigh sa bheil ionadan-bhùithdean a' dèanamh airgid san là a th' ann ag atharrachadh gu mòr.
"Tha an rannsachadh againn thairis air còrr air 150 baile san RA a' sealltainn gu bheil ionadan soirbheachail a-niste nan ionadan ioma-chleachdaidh," thuirt i.
"Tha reic fhathast cudromach, ach bidh daoine a-niste a' tadhal air ionadan-bhùithdean airson seirbheisean nas fharsainne, cur-seachadan, cultar, obair, tachartasan coimhearsnachd gus sòisealachadh.
"'S e a' phrìomh cheist, chan e a bhith a' tilleadh an Eastgate gu mar a bha, ach co-dhiù thèid aig companaidh ùr air obrachadh leis a' chomhairle, gnothachasan agus a' choimhearsnachd airson adhbhar ùr prothaideach a thoirt dha."