Oifigearan a' moladh raon-goilf ann an Cataibh a dhiùltadh

- Air fhoillseachadh
Tha oifigearan planaidh aig Comhairle na Gàidhealtachd a' moladh planaichean airson raon-goilf ùr faisg air Eurabol ann an Cataibh a dhiùltadh.
Tha grunn chomharran àrainneachdail aig an làraich agus chaidh planaichean airson cùrsa le 18 tuill a dhiùltadh mar-tha às dèidh do cho-chomhairleachadh poblach a bhith ann ann an 2020.
Thuirt an luchd-leasachaidh - Communities for Coul Limited - gu bheil iad airson raon-goilf aig ìre eadar-nàiseanta a chruthachadh ann an Cataibh agus gun tàladh e mòran luchd-turais dhan àite.
Ach, tha bacannan is boglaichean le inbhe dìon air an làraich de 317 heactair a chaidh a chomharrachadh airson an leasachaidh.
Thuirt na h-oifigearan planaidh gu bheil tòrr taice anns an sgìre airson an raoin, ged nach eil a h-uile duine ga iarraidh, agus gun tigeadh buannachdan eaconomach na chois.
Ach, tha iad ag ràdh gu bheil draghan ann fhathast mun bhuaidh a bheireadh e air dualchas nàdair na sgìre.
Thuirt na h-oifigearan gun deach na planaichean atharrachadh bho chaidh an diùltadh ann an 2020, ach nach eil iad eadar-dhealaichte gu leòr.
Mar sin, tha iad a' moladh do chomhairlichean na planaichean ùra a dhiùltadh aig coinneimh an t-seachdain sa tighinn.