Luchd-cùraim dalta a dhìth air Ghàidhealtachd

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' cleachdadh nam meadhanan sòisealta agus iad a' feuchainn ri luchd-cùraim dalta fhastadh.

Tha an t-ùghdarras ag ràdh gu bheil e a' faileachadh orra cùram-dalta gu leòr fhaighinn, agus gu bheil am pandemic air cùisean a dhèanamh nas miosa.

Tha an aithris seo aig Nicole Mhoireach.