Dearbhadh gu bheil 9 obraichean gan call aig Raon nan Rocaidean

Tha obraichean gan call aig Raon nan Rocaidean ann an Uibhist.

Chaidh naoinear a phàigheadh dheth agus tha dùil gum faodadh suas ri seachd dreuchdan deug falbh uile gu lèir.

Tha comhairlichean na sgìre a' faighneachd carson nach deach barrachd a dhèanamh mu choinneimh seo agus fios gu robh atharrachadh air fàire.

Tha an aithris seo aig Shona NicDhòmhnaill.