Naidheachdan 11:00m

Cogadh Iran

Tha dùil ri còmhraidhean ann am Pacastan Dihaoine a dh'fheuchainn ri sìth mhaireannach a dhèanamh ann an cogadh Iran. Tha Pacastan a-nis ag obair mar eadar-mheadhanair. Chaidh fosadh cola-deug a ghairm a-raoir, dìreach uair a thìde gu leth mus tàinig an ceann-ùine a thug an Ceann-suidhe Trump seachad neo gun sgriosadh e Iran. Tha am Pàp am measg na rinn càineadh mòr air na Stàitean Aonaichte airson a bhith a' bagairt dùthaich a sgrios gu tur anns an dòigh sin. Mar phàirt dhen fhosadh, tha Iran air aontachadh Caolas Hormuz fhosgladh do shoithichean fad a' chola-deug a bhios còmhraidhean a' dol.

An Leabanon

Tha Israel ag ràdh nach EIL am fosadh a' gabhail a-steach na h-iomairt aca-san an aghaidh Hezbollah anns an Leabanon. Thug iad ionnsaighean eile an sin an-diugh, air Tìoras agus Nabatieh.

Cabhlach ChalMac

Tha CalMac ag iarraidh air duine sam bith a tha an dùil siubhal leotha sùil a thoirt air làrach-lìn nan aiseagan, 's iad ag ràdh gu bheil trioblaidean mòra a' leantainn le dìth bhàtaichean. Tha mun treas cuid de na soithichean aca fhathast a-mach à seirbheis 's iad an dàrna cuid a-staigh airson càradh bliadhnail air neo briste. Tha sia soitheachan mòra agus ceithir bàtaichean beaga gun chomas seòladh - nam measg am bàta ùr an Glen Sannox. Tha cuideachd an Lord of the Isles air briseadh, a' toirt buaidh air seòlaidhean eadar an t-Òban agus Barraigh.

Iomairt an Taghaidh Albannaich

Tha suidheachadh nan aiseagan fa-near do chuid de na pàrtaidhean poileataigeach ann an taghadh Pàrlamaid na h-Alba an-diugh. Tha an SNP a' gealltainn maoin seasmhachd dha na h-eileanan, luach £10m, ma thèid riaghaltas fo stiùir-san a stèidheachadh às dèidh an taghaidh. Tha iad cuideachd a' gealltainn eileanaich a chur air bòrd-stiùiridh ChalMac. Tha na Libearalaich Dheamocratach, na Làbaraich 's na Tòraidhean a' càineadh an tabhartais airgid ge-tà; tha iad ag ràdh gu bheil e ro anmoch, agus nach eil an SNP nan caraid do dh'eileanaich.

Airidhantuim

Chaidh tasglann dualchais ùr a chur air chois ann an sgìre Airidhantuim air taobh siar Leòdhais. Tha làrach-lìn ùr na chois, le stuth mu eachdraidh an àite. Chaidh tòrr dheth a chruinneachadh le fear de mhuinntir na sgìre, Ruairidh Màrtainn, a th' air a bhith ag obair air bho chionn iomadh bliadhna, 's tha e a-nis ag ràdh gu bheil e fosgailte do dhuine sam bith agus gun tèid cur ris.