Drochaid ùr san amharc sa Mhanachainn
Fhuair a' choimhearsnachd cothrom tuilleadh fhaighinn a-mach mu phlanaichean drochaid ùr a thogail ann an sgìre na Manachainn.
Tha SSEN ag ràdh gum feumar drochaid ùr an àite na Drochaid Duibh mus tèid aca air fo-stèisean cumhachd ùr a thogail ann am Fàn-eilean.
Cha d'fhuair am pròiseact sin cead fhathast, 's cha tèid e air adhart gun drochaid ùr.
Seo Màiri Riddoch.