Naidheachdan 11:00m
Sochairean
Chaidh an Leas-Phrìomh Mhinistear ùr, Jenny Gilruth, às àicheadh gu bheil Riaghaltas na h-Alba a' cosg cus airgid air sochairean. Tha sgeama-shochairean sòisealta na h-Alba nas fhialaidh na tha ann am pàirtean eile den Rìoghachd Aonaichte, ach tha rabhaidhean air tighinn an cois sin mu cho seasmhach 's a tha an siostam. Thuirt Jenny Gilruth nach iarradh i leisgeul sam bith airson mar a tha siostam na h-Alba ag obair an coimeas ri sgeamannan a chaidh an cuir an sàs le riaghaltasan na Rìoghachd Aonaichte thairis air nam bliadhnaichean.
Imreachd
Thàinig lùghdachadh mòr air an ìre imreachd chun na Rìoghachd Aonaichte thairis air a' bhliadhna a dh'fhalbh. Tha figearan ùra air sealltain gun robh an diofar eadar an àireamh dhaoine a thàinig a-steach chun na dùthcha an taca ri na dh'fhalbh aig 171,000. Sin lùghdachadh 48% an coimeas ris a' bhliadhna ron sin. Aig a' cheart àm, sheall figearean bho Oifis na Dùthcha gun robh còrr air 93,000 neach air comraich a shireadh san Rìoghachd Aonaichte anns a' bhliadhna suas chun a' Mhàirt. Tha sin air a dhol sìos 12% an coimeas ris a' bhliadhna ron sin.
Taraifean
Tha dùil gum foillsich an Seansalair, Rachel Reeves, gearraidhean air taraifean a th' air còrr air ceud stuth bìdhe a tha a' tighinn chun na dùthcha. Tha seo mar phàirt den oidhirp gus dachannan a chuideachadh leis an àrdachadh a tha a' tighinn air cosgaisean bith-bèo air sàilleabh a' chogaidh san Ear Mheadhanach.
Aiseagan
Tha cathraiche còmdhail Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gum bu chòir rùnaire ùr na còmhdhail seasamh aig oifigich an riaghaltais a thaobh piseach a thoirt air seirbheisean aiseig. 'S ann air Stephen Flynn a tha an t-uallach 'son còmhdhail san riaghaltas ùr Albannach. Thuirt Ùisdean Robasdan gur iad Còmhdhail Alba a bhios a' dèanamh nan co-dhùnaidhean, 's gu bheil duilgheadasan air a bhith acasan a' dèiligeadh riutha.
Meaga-teine
Tha luchd-rannsachaidh air mòr-theine - no mega-fire - a ghabhail air teine-monaidh san Damhath an uiridh, agus iad ag ràdh gur e a' chiad theine de sheòrsa san Rìoghachd Aonaichte. Tha iad ag ràdh gun deach an aon uimhir de thalamh a losgadh sna ceithir làithean sin an-uiridh agus a bhios mar as trice air losgadh ann am bliadhna.