Naidheachdan 11:00m
Inimrichean
Fhuair am BBC dearbhadh gu bheil luchd-lagha a' cuideachadh inimrichean os ìosal a' toirt a chreidsinn air na h-ùghdarrasan gu bheil iad gèidh. Tha sin a' cuideachadh dhaoine argamaid a dhèanamh nach bu chòir an tilleadh do dhùthchannan leithid Phagastan agus Bhangaladais, far a bheil leth-bhreith ga dhèanamh air daoine gèidh. A rèir rannsachaidh a' BhBC, tha iad a' dèanamh seo nuair a tha na bhìosathan a th' aca airson fuireach anns an dùthaich-sa an impis ruith a-mach. Tha iad a' pàigheadh chompanaidhean lagha airson fianais brèige a thoirt seachad gu bheil iad gèidh. Thuirt Oifis na Dùthcha gun deadh an lagh a chur às dèidh dhuine sam bith a tha a' mealladh an t-siostaim.
Reform
Tha ceannard Reform UK ann an Alba, Malcolm Offord, fhathast a' seasamh le beachd a thug e seachad gun robh ceannard nan Làbarach Anas Sarwar air tabhainn obrachadh còmhla ris anns an taghadh airson an SNP a chumail a-mach. Thuirt am Morair Offord sin an toiseach air deasbad cheannardan air Sianal a Ceithir an-raoir. Thuirt Làbaraich na h-Alba nach eil ann ach a' bhreug. A rèir an SNP tha e na fhianais air cuilbhert robach eadar Reform 's na Làbaraich.
Sagairt ciontach de dhrabastachd
Chaidh fear a bha roimhe na shagairt 's a thug ionnsaigh fheiseil air dithis bhalach òga a chur dhan phrìosan airson naoi bliadhna. Fhuaireadh Vincent Cassidy, a tha 84, ciontach de na h-ionnsaighean a ghabh àite anns na '70an. Thachair iad ann an eaglaisean am Pàislig agus an Grianaig, aig bun-sgoil am Pàislig agus ann an carabhan an Inbhir Lòsaidh.
RAF Inbhir Lòsaidh
Tha e air tighinn am follais gun deach dà phleàna Typhoon à RAF Inbhir Lòsaidh a chur an-àirde an-dè a choinneachadh ri plèana Ruiseanach a bha a' dèanamh air adhar-glèidhte Bhreatainn. Ach cha do ràinig na Ruiseanaich àite a bh' air a thoirmeasg dhaibh air a' cheann thall, 's thill na plèanaichean Breatannach gu talamh.
Seirbheis aiseig Steòrnabhaigh
Tha na h-uimhir de dhàil air seirbheisean aiseig Steòrnabhaigh an-diugh, ged a tha iad a' ruith. Tha còir aig an Loch Seaforth a bhith a' ruighinn Ullapuil mu an àm-sa, oir bha i uair a thìde is fichead mionaid fadalach a' fàgail Steòrnabhaigh anns a' mhadainn, air sgàth dàil a bh' ann roimhe agus na th' ann de thrafaig. Tha an Glen Sannox cuideachd a' ruith air slighe Steòrnabhaigh seach nach giùlain an Loch Seaforth uimhir de charbadan air sgàth 's mar a tha an rampa-toisich aice. Ach bha an Glen Sannox i fhèin fadalach a' fàgail Leòdhais an-diugh.