Naidheachdan 10:00m
Peadar Murrell
Tha seann àrd-oifigear an SNP, Peadar Murrell, air nochdadh aig an Ard-Chùirt an Dùn Èideann air thoiseach air ro-èisteachd an ceartuair 's e fo chasaid gun do ghoid e còrr air £459,000 bhon phàrtaidh. Tha Mgr Murrell - a tha pòsta aig Nicola Sturgeon ach a tha air dealachadh rithe - fo amharas gun do chleachd e an t-airgead gus bhana-campachaidh agus rudan cosgail eile a cheannach agus gus airgead a chur ri dà chàr.
Cha do rinn e tagradh sam bith nuair a nochd e aig Cùirt an t-Siorraidh an Dùn Èideann an-uiridh.
Dràibhearan òga
Tha Riaghaltas na h-Alba airson 's gum bi cumhachdan aca gus bacaidhean a chur air draibhearan òga ùra feuch lùghdachadh a thoirt air an àireimh de thubaistean rathaid mairbhteach. Tha iad airson casg a chur orra bho a bhith a' dràibheadh air an oidhche, agus bacadh a chur air an àireimh de luchd-siubhail a thèid aca air giùlain.
Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gu bheil iad airson daoine òga a chumail sàbhailte, ach gu bheil iad air co-dhùnadh gun bacaidhean de sheòrsa a chur an sàs.
Aonta-sìthe
Tha prìs na h-ola air tuiteam 's duil gu bheil aonta-sìthe eadar na Stàitean Aonaichte is Iran faisg. Tha i aig nas lugha na $100 am baraile - a dh'aindeoin 's gun do chuir an Ceann-Suidhe Trump ìmpidh air an luchd-barganaich aige gun aonta a dhèanamh ann an cabhag.
Corp
Tha na poilis ag ràdh gun deach corp a lorg san iomairt feuch sgeul fhaighinn air neach-coiseachd a bh' air a dhol a dhìth ann an Siorrachd Pheairt. Bha Adam Chalmers - a bha 36 - air a dhol a dhìth air Beinn Labhair Disathairne. Thuirt na poilis gun deach lorg fhaighinn air a' chorp air An Stùc feasgar an-dè 's nach eil dùil gu bheil sgath amharasach ann mu na thachair dha.
A dhìth
Tha na poilis cuideachd a' sireadh fiosrachaidh feuch lorg fhaighinn air neach-coiseachd Aimeireaganach a th' air a dhol a dhìth. Chaidh Timothy Rosser, 60, fhaicinn mu dheireadh 's e a' fàgail an taigh-òsta aige an Dùn Èideann gus dèanamh air Gleann Comhann. Chaidh lorg fhaighinn air a' chàr dubh MG a th' aige air màl anns an sgìre sin Dimàirt seo chaidh. Thuirt na poilis gun do dh'fhàilich e air a dhol chun nan tàighean-òsda faisg air làimhe a bha e air cur air dòigh.