Còir laghail air foghlam Gàidhlig ga mholadh

  • Air fhoillseachadh
Pàrlamaid na h-Alba

Tha aithisg ùr aig Riaghaltas na h-Alba ag innse mar a nochd moladh gum bu chòir do phàrantan còir laghail fhaighinn air foghlam Gàidhlig.

Chàidh còrr is 750 freagairt a' thoirt don chò-chomhairleachadh air Bile Ùr nan Cànanan Albannach.

Anns a' gheàrr-chunntas a dh'fhoillsich Riaghaltas an-diugh, tha taic airson còir laghail do phàrantan air foghlam Gàidhlig don cuid chloinne.

Do chuid de phàrantan, se còir laghail don chànan an aon dòigh gus dèanamh cinnteach gu faigh an cuid chloinne àite ann an sgoil Gàidhlig.

Bòrd na GàidhligTùs an deilbh, Bòrd na Gàidhlig

Chaidh faighneachd cuideachd am bu chòir aithne a' thoirt do dh'àiteachan far am faigheadh a' Ghàidhlig taic shònraichte, mar 'Ghaidhealtachd' na h-Èirinn.

A rèir Bhòrd na Gàidhlig, tha e deatamach gum faigh clann còir laghail air foghlam sa chànan anns na sgìrean far a bheil sin ga thoirt seachad mar-thà.

Bhruidhinn BBC Naidheachdan ri Cathraiche a' Bhùird, Màiri NicAonghais.

"Bhiodh e feumail far a bheil foghlam air a' lìbhrigeadh mar-tha. Gum biodh comas aig a h-uile duine anns na sgìrean sin foghlam tro mheadhan na Gàidhlig fhaighinn, agus an uairsin tro ùine gum biodh sin air a' leudachadh a-mach, mar a tha feum is iarrtas a' fàs tro Alba nas fharsainge.

"Tha am facal 'Gàidhealtachd' cho furasta a' chantail. Ach nuair a' smaoineachas duine nas doimhne dè bhios sin a' ciallachadh, dè mar a ghabhadh e dèanamh, chan eil e idir cho furasta slighe fhaicinn.

"Ach tha sinn ag aithneachadh gu bheil coimhearsnachdan Gàidhlig tro Alba air fad, agus gu bheil feumalachdan aca air fad."

Gàidhlig

Chuireadh a' bhuidheann strì Misneachd fàilte air barrachd chòirichean do phàrantan, ach tha iad cuideachd den bheachd gu bheil an t-àm ann barrachd aire a' thoirt do chomasan Gàidhlig.

Thuirt iad cuideachd mur a faigh a' Ghàidhlig barrachd maoineachaidh, nach bu chòir do dhaoine taic a' chuir ris a' bhile.

Thuirt Tòmas MacAilpein bho Mhisneachd;

"Tha sinn a' smaoineachadh gu bheil cus cuideam air àireamhan, agus chan eil gu leòr cuideam air comasan cànain sgoilearan, gu sònraichte a thaobh bogadh sa chànan.

"Tha fada a bharrachd obair a dhìth air àrainneachd bogaidh a' chruthachadh ann an sgoiltean.

Tha sin a' gabhail a-steach trèanadh bogaidh agus tòrr a bharrachd cuideam air na tràth-bhliadhnachan. Tha clann a' dol a-steach do dh'fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig, airson a mhòr-chuid, gun Gàidhlig sam bith a bhith aca, agus taobh a-muigh na sgoile chan eil iad a' faighinn an cànan nas motha, agus chan eil seo ag obrachadh.

"Ma tha, aig a' cheann-thall, an Riaghaltas a' dol a' chuir air adhart bile gun maoineachadh air a chùl, tha sinne ag ràdh nach bu chòir do luchd na Gàidhlig taic a' chuir ris, ach bruidhinn a-mach gu làidir na aghaidh."