Togalach ùr Chomuinn Eachdraidh Nis fosgailte

  • Air fhoillseachadh
Comann Eachdraidh Nis

Chosg an obair leasachaidh air seann Bhun-Sgoil Chrois còrr agus £1m agus tha i an ìre mhath deiseil.

Tha an Comunn Eachdraidh ag ràdh gu bheil iad a-nis fosgailte dhan mhòr-shluagh a-rithist ged a tha corra rud beag ri dhèanamh fhathast am broinn an togalaich.

Tha an taigh-bìdh, a' bhùth agus an tasglann a th'aca de phàipearan eachdraidheil fosgailte agus tha iad a' tòiseachadh a' toirt stuth air ais dhan taigh-tasgaidh.

Cha ghabhadh togalach na seann sgoile a chleachdadh fad ghrunn mhìosan nuair a bha an obair ùrachaidh a' dol air adhart.

Bidh an luchd-togail ullamh an ceann cealla-deug ach cha bhi an obair deiseil buileach gu toiseach na h-ath-bhliadhna leis gum feum iad taobh a-muigh an togalaich agus an làrach a sgeadachadh fhathast.

Àite bìdhe
Fo-thiotal an deilbh,

Tha rùm gu leòr ann do 80 duine san àite-bhìdhe ùr.

Tha an goireas tòrr nas motha na bha e gu h-àraid an cafè a ghabhas 80 duine a-nis.

Fhuair am pròiseact taic bho 11 buidhnean uile gu leìr agus tha Stiùiriche a' Chomuinn Eachdraidh, Anna NicLeòid, ag ràdh gu bheil iad air leth taingeil dhaibh.

"Tha 11 duine a-nis ag obair aig a' Chomunn Eachdraidh - bha oileanaich agus sgoilearan againn thairis air an t-samhradh ag obair sa chafè - agus tha sinn an dòchas gun cum sinn an leudachadh air an luchd-obrach, tha cothroman gu leòr ann airson sin a dhèanamh."

Bha faisg air 4,000 luchd-tadhail aca san Iuchair.

"Tha tòrr a' tighinn bho choimhearsnachdan air tìr-mòr agus tha tòrr dhiubh ag ràdh cho fortanach 's a tha sinn sna h-Eileanan gu bheil goireas mar seo againn," thuirt Anna NicLeòid.