Leasachadh aig Comunn Eachdraidh Nis
- Air fhoillseachadh

Tòisichidh obair air pròiseact leasachaidh luach £1m aig Sgoil Chrois, far a bheil Comunn Eachdraidh Nis stèidhichte, sna beagan sheachdainean air thoiseach.
Bidh a' chiad phàirt den obair ag amas air an t-seann taigh-sgoile a chleachdadh airson tasglann agus oifis, agus an t-seann chanteen a chleachdadh mar stòr dhan taigh-tasgaidh agus bùth-obrach.
San ath-ìre den leasachadh, bidh iad ag amas air a bhith a' leudachadh an taigh-tasgaidh, ag ùrachadh ghoireasan cidsin agus càfaidh, agus a' cruthachadh seòmar thachartasan agus àite-taisbeanaidh.
Tha grunnan bhuidhnean air a bhith an sàs ann a bhith a' trusadh airgid airson a' phròiseict, le muinntir na sgìre cuideachd a' cruinneachadh airgid airson na planaichean a thoirt gu buil.
Thuirt cathraiche a' Chomuinn Eachdraidh, Annie NicSuain, gu bheil an obair leasachaidh seo air a bhith na amas aig a' Chomunn Eachdraidh bho ghluais iad gu seann thogalach Sgoil Chrois ann an 2011.
"Tha eachdraidh làidir aig Comunn Eachdraidh Nis ann a bhith a' toirt seachad pròiseactan adhartach thairis air iomadh bliadhna. 'S e deagh eisimpleir a tha seo air na dh'fhaodas tachairt nuair a bhios coimhearsnachd ag obair còmhla airson goireas a leasachadh a bhios math dhaibh fèin agus do luchd-tadhail," thuirt i.
Bidh cuid de ghoireasan a' Chomuinn Eachdraidh dùinte ri linn na h-obrach.
Cha bhi an taigh-tasgaidh fosgailte fhad 's a bhios an obair leasachaidh a' leantainn.
Ach, aig an ìre seo tha an Comunn dòchasach gum bi an tasglann, càfaidh agus bùth fosgailte as t-earrach agus tro mhìosan an t-samhraidh. Feumaidh iad aonta a ruigsinn leis a' chompanaidh togail mu càite am faighear a-steach chun na làraich, agus àiteachan parcaidh.
Bidh fiosrachadh ann am Fios agus air na meadhanan shòisealta mu dè na goireasan a bhios ri fhaotainn aig diofar amannan.