Earrann leughaidh - an sgeulachd aig Doileag
Ann an 1923 dh'fhàg an SS Marloch agus an SS Metagama na h-Eileanan an Iar airson a dhol a Chanada le faisg air 600 eilthireach air bòrd.
Tha am monolog, ann an riochd dràma, air a bheil earrann leughaidhan stòiridh aig Doileag stèidhichte, air aon de shreath a chaidh a bhrosnachadh leis na stòiridhean aig cuid dhe na daoine seo.
Dreach luath
Àibheiseachadh agus ath-aithris
Anns an earrainn seo tha cothrom:
- eòlas a chur air sgilean sgrìobhaidh àibheiseachadhA' cur ris an fhìrinn airson buaidh a thoirt. agus ath-aithris A' cleachdadh an aon fhacail, abairt no beachd barrachd air aon turas airson buaidh a thoirt.
- sgrùdadh a dhèanamh air mar a chleachd an sgrìobhadair na sgilean seo gu soirbheachail
- bhidio fhaicinn den sgeulachd aig Doileag agus tar-sgrìobhadh a leughadh
- bhidio fhaicinn anns a bheil an sgrìobhadair a' bruidhinn mu bhith a' sgrìobhadh an teacs
Leugh agus coimhead air an sgeulachd aig Doileag.
Leasaich do sgilean sgrùdaidh le bhith a' beachdachadh air mar a chleachd an sgrìobhadair àibheiseachadh agus ath-aithris anns an teacs seo.
Ionnsaich barrachd
'S e monolog a chaidh a sgrìobhadh airson prògram dràma a th' anns an earrann leughaidh seo.
Tha bhidio agus tar-sgrìobhadh den mhonolog air an duilleig mar thaic ann a bhith ga thuigsinn agus ga sgrùdadh. Cuimhnich ge-tà nach bi bhidio ann an earrainn leughaidh na deuchainn.
Faodar an dà chuid a' bhidio agus an tar-sgrìobhadh a chleachdadh airson na ceistean sgrùdaidh a fhreagairt, 's dòcha le bhith a' coimhead air a' bhidio an toiseach is an uair sin a' dèanamh dlùth-leughadh air an tar-sgrìobhadh.
Tha na ceistean a' cur fòcas air mar a chleachd an sgrìobhadair àibheiseachadh agus ath-aithris airson buaidh a thoirt air an neach-coimhid/an leughadair.
An sgeulachd aig Doileag
Tha Doileag ag innse mun turas a bh' aice ann an 1923 air bàta am Metagama. Dh'fhàg mòran eileanaich an dachaighean airson beatha ùr ann an Canada. Rinn Doileag an turas seo còmhla ri a ceathrar chloinne.
Marloch is Metagama: Guthan - Doileag.
Doileag
SS Metagama, 1923
1 Tha na seòladairean air a bhith cho snog ris a' chloinn. Ò tha.
2 Tha am fear beag, tha e air a bhith air an drochaid cho tric 's gu bheil e a' smaoineachadh gur e e fhèin an sgiobair.
3 Chan eil adhbhar gearain, tha an soitheach cofhurtail. Deagh bhiadh. Trì tursan san latha. Tha ceathrar agam agus tha 'd ag ith na h-uiread. Dh'itheadh iad gun stad. Tha 'd deich, ochd, còig agus dà bhliadhna a dh'aois.
4 Tha i air fàs puinnseanta fuar. Chaidh innse dhuinn an-diugh gu bheil sinn a' dol gu Saint John, ann an New Brunswick. An àite Montreal. Bidh e a' toirt nas fhaide Toronto a ruighinn ach… tha sinn air a bhith tro nas miosa na seo.
5 Tha mi rud beag eudach uaireannan. A' coimhead air a' chlann-nighean à Glaschu, is iad cho brèagha. Chan eil ormsa ach… an stoidhle a bh' ann an Wick an-uiridh.
6 Ach gheibh mi obair. Nach ann airson sin a tha 'd ag iarraidh dhaoine, Riaghaltas Chanada. Tha fèill mhòr ann airson daoine a nì obair dhaibh. 'S co-dhiù, tha sinn air a bhith tro nas miosa na seo.
7 Tha mo bhràthair-cèile ann an Toronto mar-thà, agus tha e a' còrdadh ris glan fhèin. Chaidh an duine agam a-mach airson rudan a chur air dòigh dhuinn. Chaidh e a-null, uill bidh e a' sreap ri dà bhliadhna a-nis. Tha mi airson 's gum bi rudan nas fheàrr dhan a' chloinn na bh' agamsa, ag èirigh an àirde.
8 Fhios agad, bha e air an Iolaire. Fhuair e tarsainn air an ròp a fhuair Iain Mhurdo gu tìr, mus do bhris e. Cha bhruidhneadh e air cus. Bhiodh e a' dùsgadh na cloinne tron oidhche. Ach rinn e glè mhath. Chan fhaca mi e ag òl a-riamh.
9 Tha thu a' tighinn tro leithid a rud ri sin. Agus an uair sin tha thu a' call do bheatha air loch. Bha e ag obair air freighter, air na Great Lakes.
10 Agus, uill. Airson dreis cha robh mi airson innse dhan chloinn ach, rinn mi sin. 'S e latha dubh a bha sin. Agus bhiodh iad a' faighneachd, bidh iad ag ràdh, "'S mathaid nach do bhàsaich e. Gu bheil Canada cho mòr, 's gun do thog bàta e, agus bidh e a' feitheamh oirnn aig a' chidhe. Agus bidh sinn còmhla mar theaghlach a-rithist." Ach cha bhi.
11 'S co-dhiù. Tha sinn air a bhith tro nas miosa.
Ceistean air an earrainn
Leugh paragraf 2
Seall mar a tha an sgrìobhadair a' cleachdadh àibheiseachadhA' cur ris an fhìrinn airson buaidh a thoirt. airson fealla-dhà a chruthachadh san earrainn.
"gu bheil e a' smaoineachadh gur e e fhèin an sgiobair." - Le bhith a' cur ris an fhìrinn an seo a thaobh na h-ùine a tha "am fear beag" air a bhith shuas aig stiùir an t-soithich, tha an sgrìobhadair a' dèanamh fealla-dhà mun mhisneachd a th' aig mac Doileig.
Leugh paragraf 3
Seall mar a chuir an sgrìobhadair àibheiseachadh gu feum airson dealbh a thoirt dhuinn air beatha Doileig.
"Dh'itheadh iad gun stad." - Tha àibheiseachadh air a chleachdadh gus an tuig sinn barrachd mu na h-uallaichean a bha mu choinneimh banntrach òg le ceathrar chloinne aig an àm, is ged a tha seo air a ràdh ann an dòigh aotrom, tha sinn a' tuigsinn tuilleadh mu na h-adhbharan a bh' aig Doileag a dachaigh fhàgail - cha bhiodh e furasta dhi ceathrar chloinne àrach agus biadh a chur air a' bhòrd dhaibh uile.
Leugh paragraf 4
Seall mar a chaidh àibheiseachadh a chleachdadh airson beachd a thoirt air rudan a bha dùbhlanach mun turas aig Doileag.
"puinnseanta fuar" - dìreach mar a bhiodh puinnsean a' dèanamh cron air slàinte cuideigin, tha an t-àibheiseachadh seo a' leigeil leinn faicinn cho dian 's a bha am fuachd a bha Doileag a' fulang, is a' toirt oirnn tuigsinn gur dòcha nach bi cùisean furasta dhi san dùthaich ùir.
Leugh paragrafan 9-11
A' smaoineachadh air an earrainn gu lèir, seall carson as e deireadh èifeachdach a th' anns a' pharagraf mu dheireadh. Thoir iomradh air ath-aithris A' cleachdadh an aon fhacail, abairt no beachd barrachd air aon turas airson buaidh a thoirt. nad fhreagairt.
"Tha thu a' tighinn tro leithid a rud ri sin." - Tha briathran den t-seòrsa seo rim faicinn nas tràithe san earrainn (paragraf 6) agus le bhith gan ath-aithris nas fhaide air adhart san earrainn, tha sinn a' tuigsinn gur dòcha gu bheil beatha chruaidh air a bhith aig Doileag, ach gu bheil i làidir agus comasach air dèiligeadh ri dùbhlain.
"Tha sinn air a bhith tro nas miosa." - Le bhith a' crìochnachadh na h-earrainn leis an ath-aithris seo, tha caractar Doileig a' tighinn am follais gu soilleir: tha e mar gu bheil i ga deisealachadh fhèin airson nan dùbhlan ùra a tha roimhpe, is a' dearbhadh gu bheil i stòlda, a dh'aindeoin gach cruadal a dh'fhuiling agus a dh'fhuilingeas i.
A' smaoineachadh air an earrainn gu lèir, seall mar a chaidh ath-aithris an fhacail 'Ach' a chleachdadh gus caractar Doileig a thoirt am follais.
"Ach gheibh mi obair." - Tha am facal "Ach" a' dearbhadh cho dòchasach agus daingeann 's a tha Doileag gum bi gnothaichean ceart gu leòr, a dh'aindeoin gach mì-chinnt a tha roimhpe.
"Ach rinn e glè mhath." - Nuair a tha Doileag ag innse mu na trioblaidean a bh' aig an duine aice, tha i a' feuchainn gun a bhith a' cur cuideam air na rudan ris an robh e a' strì (trom-laighe air an oidhche) agus an àite sin, ga mholadh air sgàth mar a dhèilig e ri tubaist na h-Iolaire. Tha seo a' sealltainn nàdar na tè seo: gu bheil i a' feuchainn ris an rud as fheàrr fhaicinn anns gach suidheachadh.
Bhidio - a' sgrìobhadh caractar
Iain F MacLeòid a' bruidhinn mu bhith a' sgrìobhadh an sgeulachd aig Doileag agus aig An Leòbag airson sreath Marloch is Metagama: Guthan.
A' sgrìobhadh caractar.
Ciamar a tha sibh a' sgrìobhadh caractar?
A thaobh caractar, tha e meadhanach sìmplidh. 'S e sin ma tha neach ann an suidheachadh agus ann an suidheachadh duilich, dè tha iad a' dèanamh anns an t-suidheachadh sin? Agus an rud a tha iad a' dèanamh, tha sin ag innse dhut a' charactar aca. Agus ma tha thu ga dhèanamh thairis air sgeulachd, tha thu a' coimhead nan taghaidhean a tha iad a' dèanamh thairis air an sgeulachd agus tha sin dìreach ag innse dhuinn de an seòrsa caractar a th' aca.
A bheil caractaran ann as fheàrr leibh?
Tha gach caractar, tha iad ann an suidheachadh duilich dhaibh fhèin agus tha iad a' dèanamh diofar rudan. Mar eisimpleir an Leòbag, chòrd e rium a bhith ga sgrìobhadh oir bha e rudeigin nas… duine gu math spòrsail agus làn dheth fhèin agus a' tighinn a-mach le rudan gu math annasach is gòrach. Ach Doileag, bha i ann an suidheachadh uabhasach duilich dhi fhèin.
Tha iad a' dèanamh diofar rudan dhut mar sgrìobhadair. Agus an rud a tha math mu dheidhinn sgrìobhadh - tha fios againn uile cho math 's a tha e coimhead film a tha a' còrdadh rinn no leughadh. Na do sgrìobhadair tha sin a' dol nas fhaide, tha thu fhèin ga chruthachadh - chan eil e ann. Agus mar sin, 's e nàdar de adventure mìorbhaileach a th' ann gum faod thusa a bhith le na caractaran seo agus a' faicinn nan rudan a tha iad a' dèanamh agus mar a tha iad a' smaoineachadh agus tha thu a' dol a-staigh anns an rud tòrr nas doimhne. Bhithinn a' moladh dha duine sam bith sin fheuchainn.
Ciamar a tha loidhnichean sònraichte a' nochdadh san sgrìobhadh agaibh?
A' bruidhinn air loidhnichean a tha an sgrìobhadair a' meas cudromach, no a tha a' seasamh a-mach nuair a tha thu a' sgrìobhadh sgeulachd, tha na loidhnichean sin a' nochdadh gu nàdarrach co-dhiù mar a tha thu a' dol nas doimhne dhan a' sgeulachd mar gum biodh agus tha an caractar ann an suidheachadh nas dorra agus nas dorra agus tha e a' tighinn chun an àm far a bheil aca ri taghadh a dhèanamh neo iad fhèin fhaighinn a-mach à suidheachadh bhon an uair sin tha loidhnichean a' tighinn suas a tha a' dol gu cridhe na sgeòil.
Agus cuideachd, tha loidhnichean ann a tha dìreach a' còrdadh riut mar sgrìobhadair. Tha thu a' tighinn an àirde le rud. Agus sin an rud a tha cho beòthail agus math mu dheidhinn sgrìobhadh - tha thu a' tighinn an àirde le rud - tha thu ga chruthachadh thu fhèin agus tha thu a' faighinn beagan ceangail ri na loidhnichean sin.
Ach uaireannan feumaidh tu faighinn rids dhiubh cuideachd agus sin pàirt de bhith na do sgrìobhadair cuideachd. Ach chan eil càil coltach ri faighinn zinger beag. Tha e uabhasach spòrsail.
Feuch dè na dh'ionnsaich thu
Quiz
Ath-shùil air na dh'ionnsaich thu
Tha sgilean sgrìobhaidh àibheiseachadh agus ath-aithris air an cur gu feum leis an sgrìobhadair ann an sgeulachd Doileig.
| Mìneachadh | Eisimpleir | |
|---|---|---|
| àibheiseachadh | A' cur ris an fhìrinn airson buaidh a thoirt. | "Dh'itheadh iad gun stad." |
| ath-aithris | A' cleachdadh an aon fhacail, abairt no beachd barrachd air aon turas airson buaidh a thoirt. | "ach… tha sinn air a bhith tro nas miosa na seo.""'S co-dhiù. Tha sinn air a bhith tro nas miosa." |
More on Leughadh
Find out more by working through a topic
- count4 of 8

- count5 of 8

- count6 of 8

- count7 of 8
