Anailis air sgilean sgrìobhaidh - ìomhaigheachd agus taghadh-facail

Part ofGàidhligLeughadh

Earrann leughaidh - an sgeulachd aig Màiri Anna

Ann an 1923 dh'fhàg an SS Marloch agus an SS Metagama na h-Eileanan an Iar airson a dhol a Chanada le faisg air 600 eilthireach air bòrd.

Tha am monolog, ann an riochd dràma, air a bheil earrann leughaidhan stòiridh aig Màiri Anna stèidhichte, air aon de shreath a chaidh a bhrosnachadh leis na stòiridhean aig cuid dhe na daoine seo.

Dreach luath

Ìomhaigheachd agus taghadh-facail

Anns an earrainn seo tha cothrom:

  • eòlas a chur air sgilean sgrìobhaidh agus
  • sgrùdadh a dhèanamh air mar a chleachd an sgrìobhadair na sgilean seo gu soirbheachail
  • bhidio fhaicinn de an sgeulachd aig Màiri Anna agus tar-sgrìobhadh a leughadh

Leugh agus coimhead air an sgeulachd aig Màiri Anna.

Leasaich do sgilean sgrùdaidh le bhith a' beachdachadh air mar a chleachd an sgrìobhadair ìomhaigheachd agus taghadh-facail anns an teacs seo.

Uaireadair-stad le loidhnichean astair
Back to top

Ionnsaich barrachd

'S e monolog a chaidh a sgrìobhadh airson prògram dràma a th' anns an earrann leughaidh seo.

Tha bhidio agus tar-sgrìobhadh den mhonolog air an duilleig mar thaic ann a bhith ga thuigsinn agus ga sgrùdadh. Cuimhnich ge-tà nach bi bhidio ann an earrainn leughaidh na deuchainn.

Faodar an dà chuid a' bhidio agus an tar-sgrìobhadh a chleachdadh airson na ceistean sgrùdaidh a fhreagairt, 's dòcha le bhith a' coimhead air a' bhidio an toiseach is an uair sin a' dèanamh dlùth-leughadh air an tar-sgrìobhadh.

Tha na ceistean a' cur fòcas air mar a chleachd an sgrìobhadair ìomhaigheachd agus taghadh-facail airson buaidh a thoirt air an neach-coimhid/an leughadair.

Back to top

An sgeulachd aig Màiri Anna

Anns an earrainn seo, tha Màiri Anna a' bruidhinn air na trioblaidean a bh' aice fhèin agus an teaghlach aice nuair a ràinig iad Canada an toiseach.

Marloch is Metagama: Guthan – Màiri Anna.

Back to top

Ceistean air an earrainn

Leugh paragraf 3

Seall mar a tha an sgrìobhadair a' cleachdadh airson dealbh làidir a thoirt dhuinn air an t-suidheachadh a bha a' feitheamh air Màiri Anna.

Leugh paragraf 4

Tha air a chleachdadh sa pharagraf seo airson sealltainn mar a thug suidheachadh a' ghille thinn buaidh air Màiri Anna. Seall, le fianais, mar a chaidh seo a dhèanamh.

Leugh paragraf 5

Seall mar a chaidh ìomhaigheachd agus taghadh-facail a chleachdadh gu soirbheachail sa pharagraf seo airson beachd a thoirt dhan leughadair air cruadal a' gheamhraidh.

Leugh paragrafan 6 agus 7

Tha cunntas làidir air a thoirt seachad sna paragrafan seo le taghadh-facail. Seall mar a rinn an sgrìobhadair seo.

Back to top

Feuch dè na dh'ionnsaich thu

Quiz

Back to top

Ath-shùil air na dh'ionnsaich thu

Tha sgilean sgrìobhaidh ìomhaigheachd agus taghadh-facail air an cur gu feum leis an sgrìobhadair ann an sgeulachd Màiri Anna.

MìneachadhEisimpleir
ìomhaigheachdNuair a bhios sgrìobhadair a' tarraing dealbh le facail gus an leughadair a chuideachadh ann a bhith a' dèanamh dealbh dhen chuspair nan inntinn."Bha sinn uile còmhla mar chrodh"
taghadh-facailFaclan sònraichte a thaghas sgrìobhadair airson buaidh a thoirt air an leughadair."tha misneachd riatanach."
Peann-sònrachaidh agus duilleag pàipeir le pìosan air an sònrachadh
Back to top

More on Leughadh

Find out more by working through a topic