Iasadan
Nuair a gheibh thu iasad bho bhanca, bidh agad ri riadh a phàigheadh air an t-sùim a gheibh thu.
'S àbhaist gum faod thu an ùine airson a phàigheadh air ais a thaghadh, ach mar as fhaide an ùine 's ann as motha a bhios de riadh ga chur-ris an iasad agad.
Eisimpleir
Tha Jen ag iarraidh iasad de \(\pounds3\,000\). Dh'fhaighnich i dhan bhanca aice dè bhiodh aice ri phàigheadh air ais gach mìos.
Seo an clàr a thug am banca dhi.
| Àireamh mhìosan airson pàigheadh air ais | Sùim gach mìos |
| 12 | \(\pounds266\) |
| 24 | \(\pounds140\) |
| 36 | \(\pounds99\) |
| 48 | \(\pounds78\) |
| 60 | \(\pounds66\) |
| Àireamh mhìosan airson pàigheadh air ais | 12 |
|---|---|
| Sùim gach mìos | \(\pounds266\) |
| Àireamh mhìosan airson pàigheadh air ais | 24 |
|---|---|
| Sùim gach mìos | \(\pounds140\) |
| Àireamh mhìosan airson pàigheadh air ais | 36 |
|---|---|
| Sùim gach mìos | \(\pounds99\) |
| Àireamh mhìosan airson pàigheadh air ais | 48 |
|---|---|
| Sùim gach mìos | \(\pounds78\) |
| Àireamh mhìosan airson pàigheadh air ais | 60 |
|---|---|
| Sùim gach mìos | \(\pounds66\) |
Question
Dè dh'fheumadh Jen a phàigheadh air ais gach mìos airson gach roghainn air a' chlàr seo?
| Àireamh mhìosan airson pàigheadh air ais | Sùim gach mìos | Sùim pàighte air ais |
| 12 | \(\pounds266\) | \(12 \times 266 = \pounds3\,192\) |
| 24 | \(\pounds140\) | \(24 \times 140 = \pounds3\,360\) |
| 36 | \(\pounds99\) | \(36 \times 99 = \pounds3\,564\) |
| 48 | \(\pounds78\) | \(48 \times 78 = \pounds3\,744\) |
| 60 | \(\pounds66\) | \(60 \times 66 = \pounds3\,960\) |
| Àireamh mhìosan airson pàigheadh air ais | 12 |
|---|---|
| Sùim gach mìos | \(\pounds266\) |
| Sùim pàighte air ais | \(12 \times 266 = \pounds3\,192\) |
| Àireamh mhìosan airson pàigheadh air ais | 24 |
|---|---|
| Sùim gach mìos | \(\pounds140\) |
| Sùim pàighte air ais | \(24 \times 140 = \pounds3\,360\) |
| Àireamh mhìosan airson pàigheadh air ais | 36 |
|---|---|
| Sùim gach mìos | \(\pounds99\) |
| Sùim pàighte air ais | \(36 \times 99 = \pounds3\,564\) |
| Àireamh mhìosan airson pàigheadh air ais | 48 |
|---|---|
| Sùim gach mìos | \(\pounds78\) |
| Sùim pàighte air ais | \(48 \times 78 = \pounds3\,744\) |
| Àireamh mhìosan airson pàigheadh air ais | 60 |
|---|---|
| Sùim gach mìos | \(\pounds66\) |
| Sùim pàighte air ais | \(60 \times 66 = \pounds3\,960\) |
Mar as fhaide a tha Jen a' toirt air an t-iasad a phàigheadh air ais, 's ann as motha de riadh a tha ga chur-ris an iasad de \(\pounds3\,000\) a fhuair i.
Feumaidh i smaoineachadh air dè nas urrainn dhi a phàigheadh air ais gach mìos, agus an uair sin na sùimean mìosail as fheàrr a fhreagras air suidheachadh an airgid aice a thaghadh.
Bu chòir fios a bhith aice cuideachd gu bheil diofar ìrean son iasadan aig diofar bhancaichean is chomainn thogalaich, agus mar sin bu chòir dhi coimhead airson an tairgse as fheàrr a fhreagras oirre.