Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

Ag atharrachadh airgeadAg atharrachadh airgead

Ro thuras a-null thairis, feumar tric airgead atharrachadh gu airgead a' chinn-uidhe. Tha reatan-iomlaid gan cleachdadh gus suimeannan obrachadh a-mach agus uaireannan tha coimisean ri phàigheadh.

Part ofGnìomhan MatamataigsSgilean ionmhasachd

Ag atharrachadh airgead

Mus dèan thu an earrann seo, bu chòir dhut sùil a thoirt air Nàiseanta 4 Gnìomhan Matamataigs - Ag atharrachadh airgead.

Dh'fhaodadh iomadh ceum a bhith ann an suidheachadh co-cheangailte ri airgeadan. Ann an cuid de shuidheachaidhean bidh thu a' dol a-null thairis agus a' tilleadh dhachaigh. Uaireannan eile bidh thu a' dol a dh'aon dùthaich agus an uair sin a' cumail ort a dhùthaich eile.

Eisimpleir 1

Tha Francesca a' fuireach san RA agus tha i a' dol a thadhal air caraidean san Eadailt. Tha i a' toirt leatha \(\pounds300\) airson a chosg. ('S e an reat-iomlaid \(\pounds1 = 1.50\;\text{iùrothan}\)).

Nuair a bha i san Eadailt, chosg i \(390\;\text{iùrothan}\).

Nuair a thill i dhan RA, dh'atharraich i na iùrothan a bh' aice air fhàgail gu notaichean aig an aon reat-iomlaid.

Chaidh Francesca dhan aon oifis-iomlaid gach turas agus cha robh aice ri coimisean a phàigheadh.

Ceist

Dè fhuair i air ais ann an notaichean?

Freagairt

Sùim ann an iùrothan \( = 300 \times 1.50 = \euro450\)

Chosg i \(\euro390\)

Airgead air fhàgail \(= 450 − 390 = \euro60\)

Sùim ann an notaichean \( = 60 \div 1.50 = \pounds40\)

Feuch a-nis a' cheist seo

Question

Emily looks confused as she looks at the exchange rate board

Chaidh Emily dhan Ghearmailt às an RA. Thug i leatha \(\pounds200\) ann an iùrothan. ('S e an reat-iomlaid \(\pounds1 = \euro1.50\)).

Nuair a bha i sa Ghearmailt, chosg i \(207\,\text{iùrothan}\).

Nuair a thill i dhan RA, dh'atharraich i na iùrothan a bh' air fhàgail air ais gu notaichean aig an aon reat-iomlaid.

Chaidh Francesca dhan aon oifis-iomlaid gach turas agus cha robh aice ri coimisean a phàigheadh.

Dè fhuair i air ais ann an notaichean?