Teachd-a-steachTabhartasan peinnsein

'S e teachd-a-steach an t-airgead a bhios a' tighinn gu duine no gu buidheann. Tha teachd-a-steach gu lèir a' tighinn fo riaghailtean chìsean.

Part ofGnìomhan MatamataigsSgilean ionmhasachd

Tabhartasan peinnsein

Feumaidh mòran dhaoine tabhartas a chur ann an sgeama peinnsein, no bidh iad a' taghadh sin a dhèanamh, bhon tuarastal aca. Uaireannan canar 'superannuation' ris an sgeama seo.

Tha sgeamaichean peinnsein dhaibh fhèin aig cuid de dhreuchdan sna seirbheisean poblach mar nursaichean, tidsearan agus daoine san t-seirbheis smàlaidh. Bidh iomadh gnothachas a' tabhann sgeama peinnsean prìobhaideach.

Mar as tràithe a thòisicheas duine a' pàigheadh a-steach do pheinnsean, 's ann as motha de thìde a bhios aig a' phlana aige airgead a chruinneachadh airson nuair a leigeas e dheth a dhreuchd.

Sa mhòr-chuid de sgeamaichean, bidh am fastaidhear cuideachd a' pàigheadh a-steach ann mar phàirt dhen chùmhnant obrach.

Eisimpleir

Tha Amina a' pàigheadh \(6\%\) dhen tuarastal aice do pheinnsean. Tha i a' cosnadh \(\pounds27000\) sa bhliadhna. Dè tha i a' pàigheadh dhan pheinnsean aice gach mìos?

Freagairt

\(6\%\,de\, 27\,000 = \pounds1\,620\)

Pàigheadh gach mìos \(= 1620 \div 12 = \pounds135\)

Feuch a-nis a' cheist seo:

Question

Tha Virgil a' pàigheadh \(6\%\) dhen tuarastal aige dhan pheinnsean aige. Tha e a' cosnadh \(\pounds23\,000\) sa bhliadhna. Dè tha e a' pàigheadh a dh'ionnsaigh a' pheinnsein aige gach mìos?