Ma tha airgead air iasad, bidh an riadh ga chur-ris an airgead a tha ri phàigheadh air ais. Ma tha airgead air a shàbhaladh, bidh an riadh ga chur-ris an t-sùim iomlan.
Part ofGnìomhan MatamataigsA' làimhseachadh ionmhas
Chì thu san eisimeil a leanas mar a dh'obraicheas tu a-mach sùimean mìosail:
Tha baic a' cosg \(\pounds220\) ann an airgead. 'S e \(\pounds300\) cosgais aonta creideis.
Mas e \(10\%\) an t-àirleas agus an uair sin deich sùimean mìosail, obraich a-mach dè dh'fheumadh tu a phàigheadh gach mìos.
An toiseach obraich a-mach an t-àirleas:
Àirleas \(= 10\%\) de \(\pounds220\)
\(= \pounds22\)
Sùim fhathast ri phàigheadh ann an sùimean mìosail = cosgais aonta creideis - àirleas
\(= 300 - 22\)
\(= \pounds278\)
Bhon a bhios 10 sùimean mìosail ann, bidh sinn a' roinn seo le 10.
Gach sùim mhìosail \(= \frac{{278}}{{10}}\)\(= \pounds27.80\)