Ìrean rèidhAontan creideis

Ma tha airgead air iasad, bidh an riadh ga chur-ris an airgead a tha ri phàigheadh air ais. Ma tha airgead air a shàbhaladh, bidh an riadh ga chur-ris an t-sùim iomlan.

Part ofGnìomhan MatamataigsA' làimhseachadh ionmhas

Aontan creideis

A' lorg àirleas

Bidh daoine uaireannan a' ceannach nithean daora tro aonta creideis. Le aonta creideis, bidh thu mar as trice a' pàigheadh àirleas an toiseach agus an còrr ann an sùimean mìosail. Mar as tric, bidh am bathar nas daoire le aonta creideis.

Eisimpleir

A television with a £200 price tag on it

Tha Tom ag iarraidh Tbh a cheannach le aonta creideis. Feumaidh e aon chòigeamh dhen phrìs iomlan de \(\pounds200\) a phàigheadh mar àirleas.

Dè an t-àirleas a phàigheas e?

Freagairt

Àirleas \(= \frac{1}{5}\) de \(\pounds200\)

\(= \frac{200}{5}\)

\(= \pounds40\)

Feumaidh Tom àirleas de \(\pounds40\) a phàigheadh.

Obraich a-nis a-mach an t-àirleas anns gach suidheachadh a leanas.

Question

Dè na bhios ann an àirleas \(15\%\) de \(\pounds300\)?

Question

Dè na bhios ann an àirleas \(\frac{1}{4}\) de \(\pounds300\)?

Question

Dè na bhios ann an àirleas \(20\%\) de \(\pounds500\)?