Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

Duilgheadas mu chòir a’ chrùinAn t-Adhbhar Mòr agus taghadh Eideird

Rinn bàs Alasdair III an 1286 is bàs Maighdeann Nirribhidh èiginn ann an Alba. Dh’iarr uaislean Alba air Eideard I rìgh a thaghadh. Bha Eideard an uair sin an sàs ann an cùisean Alba.

Part ofEachdraidhCogaidhean na Saorsa

An t-Adhbhar Mòr agus taghadh Eideird

Iain Balliol
Figure caption,
Iain Balliol

San t-Samhain 1292, an dèidh còrr is bliadhna de dh'argamaidean poilitigeach, thuirt Eideard I gu robh tagradh na b' fheàrr aig Iain Balliol a thaobh a' chrùin, agus bhon sin a-mach gum biodh e na rìgh air Alba. Chaidh Balliol a thaghadh oir:

  • Bha an lagh ag ràdh gum biodh oighreachd a' dol sìos an loidhne chun an neach bu shine sa chraobh-teaghlaich.
  • Bha Iain Balliol na ogha don nighean bu shine aig Daibhidh, Iarla Huntingdon.
  • Bha Raibeart Brus de shliochd Dhaibhidh, Iarla Huntingdon, tron dara nighean aig an Iarla. Mar sin bha a' chiad chòir air a' chrùn aig Balliol, ro Bhrus.

Bhiodh briseadh-dùil ann do Raibeart Brus agus dha na Farpaisich eile. Bha mòran dhiubh à teaghlaichean uasal a bha a' farpais ris na Balliols. Mar sin, cha bhiodh e idir furasta do dh'Iain Balliol a bhith a' riaghladh na rìoghachd ùir aige, gu h-àraidh leis gun robh e mar-thà air gabhail ri Eideard I mar mhòr-uachdaran.

Craobh-teaghlaich a’ sealltainn carson a chaidh Raibeart Brus a thaghadh mar rìgh air Alba san Adhbhar Mhòr