Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

Duilgheadas mu chòir a’ chrùinBàs Maighdeann Nirribhidh

Rinn bàs Alasdair III an 1286 is bàs Maighdeann Nirribhidh èiginn ann an Alba. Dh’iarr uaislean Alba air Eideard I rìgh a thaghadh. Bha Eideard an uair sin an sàs ann an cùisean Alba.

Part ofEachdraidhCogaidhean na Saorsa

Bàs Maighdeann Nirribhidh

Ach thàinig an t-ànradh nuair a chaochail Mairead san Dàmhair, 1290 fhad 's a bha i a' siubhal à Nirribhidh a dh'Alba. Dh'fhàs i tinn air bòrd a' bhàta ann am muir cunnartach, agus chaochail i ann an Arcaibh 's gun i fada bho thìr-mòr Alba.

Bha sin a' ciallachadh gun robh cùis-èiginn ann an rìoghachd Alba a-rithist:

  • Le Mairead marbh, bha Cùmhnant Bhirgham gun ùghdarras.
  • Cha robh e soilleir cò an t-oighre a bh' aig crùn Alba.
  • Bha cuid de dh'uaislean Alba, Raibeart Brus nam measg, air tòiseachadh ag ullachadh airson sabaid airson a' chrùin.