Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,07 Aug 2026,87 mins

An fhèileadh agus Cupa Eilean an Fhraoich

Feasgar an-diugh

Available for 23 days

Tha sinn air mòran den fhèileadh fhaicinn anns na mìosan a chaidh, agus Albannaich a' cur orra trusgan nàiseanta na dùthcha gu tachartasan leithid Cupa na Cruinne agus Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis. Tha pàirt cudromach aige cuideachd aig mòran bhainnsean ann an Alba agus nas fhaide air falbh. Dè tha gluasad dhaoine gus an fhèileadh a chur orra? Tha Alasdair a' cluinntinn mun phròis a tha daoine a' faireachdainn nuair a gheibh iad an cothrom a chur orra. Là mòr ann am ball-coise Leòdhas agus na Hearadh 's cuairt dheireannach Cupa Eilean an Fhraoich air Disathairne eadar sgioba na Hearadh agus sgioba a' Bhac. Tha Coinneach Macleòid a' toirt sùil air adhart ris. Saoil cò air a tha a' cur a chuid-airgid? Agus mar as àbhaist air Dihaoine tha taghadh de thrì òrain againn a tha freagradh air Ceòl na Sgeòil, agus a chuireas crìoch air a' phrògram.

Programme Website
More episodes

Tracklist

  1. Track
    Artist
  2. 1.
    These Days
    These Days
    Rudimental & Jess Glynne, Macklemore And Dan Caplen
  3. 2.
    Indian Summer
    Indian Summer
    Stereophonics
  4. 3.
    Forever Young
    Forever Young
    Bob Dylan