An fhèileadh agus Cupa Eilean an Fhraoich
Naidheachdan, còmhradh, spòrs, ceòl agus fealla-dhà le Alasdair Friseal. News, chat, sport, music and entertainment with Alasdair Fraser.
Tha sinn air mòran den fhèileadh fhaicinn anns na mìosan a chaidh, agus Albannaich a' cur orra trusgan nàiseanta na dùthcha gu tachartasan leithid Cupa na Cruinne agus Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis. Tha pàirt cudromach aige cuideachd aig mòran bhainnsean ann an Alba agus nas fhaide air falbh. Dè tha gluasad dhaoine gus an fhèileadh a chur orra? Tha Alasdair a' cluinntinn mun phròis a tha daoine a' faireachdainn nuair a gheibh iad an cothrom a chur orra.
Là mòr ann am ball-coise Leòdhas agus na Hearadh 's cuairt dheireannach Cupa Eilean an Fhraoich air Disathairne eadar sgioba na Hearadh agus sgioba a' Bhac. Tha Coinneach Macleòid a' toirt sùil air adhart ris. Saoil cò air a tha a' cur a chuid-airgid?
Agus mar as àbhaist air Dihaoine tha taghadh de thrì òrain againn a tha freagradh air Ceòl na Sgeòil, agus a chuireas crìoch air a' phrògram.
Last on
Music Played
![]()
Rudimental & Jess Glynne, Macklemore And Dan Caplen
These Days
- These Days (Radio Version).
- 1.
![]()
Stereophonics
Indian Summer
- (CD Single).
- Stylus Records.
- 1.
![]()
Bob Dylan
Forever Young
- The Best Of Bob Dylan.
- Columbia.
Broadcast
- Last Friday12:00BBC Radio nan Gàidheal

