Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,14 May 2026,57 mins

le Cathy NicDhòmhnaill.

Naoi gu Deich

Available for 29 days

Tha Tristan da Cunha air a bhith gu mòr anns na naidheachdan, an dèidh dhan airm a dhol chun eilean, son cobhair a thoirt do fhear a tha a' fulang le hanta-bhìoras. 'S e Tristan da Cunha an t-eilean as iomallaich 's an t-saoghal, air a bheil daoine a' fuireach. Thadhal Alasdair MacEachain air an t-eilean ann a 2011, 's e ag innse dhuinn beagan mun t-àite. Tha sinn a' cuimhneachadh air an Dotair Urramach Ruairidh MacLeòid MBE - Ruairidh Beag, à Loch nam Madadh, a' chaochail air an deireadh sheachdain. Bha Ruairidh na mhinistear ann am Beàrnaraigh na Hearadh bho 1964 gu 1985 agus ann an Earra-Ghàidheal bho 1985 gu 2012. Bha e na chomhairliche anns na h-Eileanan an Iar, na sgrìobhaiche, 's na shàr sgoilear. Chuir e gu mòr cuideachd thar nam bliadhnaichean ri ar prògraman air BBC Radio nan Gàidheal. An-diugh, cluinnidh sinn criomagan de na còmhraidhean sin agus cluinnidh sinn cuideachd bho fheadhainn a bha eòlach air Ruairidh.

Programme Website
More episodes