Main content

le Cathy NicDhòmhnaill.

Cuimhneachain air an Dr.Urramach Ruairidh MacLeòid MBE, a' chaochail air an deireadh sheachdain. Guests pay tribute to Rev. Dr Roderick MacLeod MBE, who passed away at the weekend.

Tha Tristan da Cunha air a bhith gu mòr anns na naidheachdan, an dèidh dhan airm a dhol chun eilean, son cobhair a thoirt do fhear a tha a' fulang le hanta-bhìoras. 'S e Tristan da Cunha an t-eilean as iomallaich 's an t-saoghal, air a bheil daoine a' fuireach. Thadhal Alasdair MacEachain air an t-eilean ann a 2011, 's e ag innse dhuinn beagan mun t-àite.

Tha sinn a' cuimhneachadh air an Dotair Urramach Ruairidh MacLeòid MBE - Ruairidh Beag, à Loch nam Madadh, a' chaochail air an deireadh sheachdain. Bha Ruairidh na mhinistear ann am Beàrnaraigh na Hearadh bho 1964 gu 1985 agus ann an Earra-Ghàidheal bho 1985 gu 2012. Bha e na chomhairliche anns na h-Eileanan an Iar, na sgrìobhaiche, 's na shàr sgoilear. Chuir e gu mòr cuideachd thar nam bliadhnaichean ri ar prògraman air BBC Radio nan Gàidheal. An-diugh, cluinnidh sinn criomagan de na còmhraidhean sin agus cluinnidh sinn cuideachd bho fheadhainn a bha eòlach air Ruairidh.

29 days left to listen

57 minutes

Last on

Yesterday22:55

Broadcasts

  • Yesterday09:00
  • Yesterday22:55