Episode details

Available for 28 days
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus na leughaidhean a leanas: Màiri Mhoireasdan a' seinn Hosanna do'n t-Slanaighear Joy Dunlop, Màiri Ann NicUalraig, Eòghann MacEunraig agus Fearghas Ròthach a' seinn Mòl do Dhia le Buidheachas is Sòlas Iseabail Anna Mhàrtainn a' seinn Cliù Bìth-bhuan Thugamaid do Dhia Na Brogues a' seinn Dèan Dhòmhsa Tuigse Leughaidhean: Marcas 10:46 - 11:11 Thàinig Siùsaidh NicDhonnchaidh (neo Siùsaidh Algie, mar a bh' oirre mus do phòs i) dhan Eilean Sgiathanach sna 90an nuair a bha i 16. Dh'ionnsaich i Gàidhlig aig Ard-sgoil Phort Rìgh, 's chaidh i an uair sin gu Sabhal Mòr Ostaig. Bha i na neach-naidheachd air telebhisean agus rèidio airson 18 bliadhna, ag obair air prògraman leithid Telefios air Telebhisean Ghrampian agus Eòrpa is Aithris na Maidne air a' BhBC. Ghluais i a Shasainn ann an 2002 agus phòs i Mìcheal ann an 2005. Dìreach bliadhna às dèidh dhi pòsadh thàinig aillse broillich oirre, ach fhuair i seachad air. Tha Siùsaidh air a bhith na Crìosdaidh còrr air 40 bliadhna, agus tha i ag ràdh gu bheil Dia air rudan mìorbhaileach a dhèanamh na beatha. Bha i fhèin agus an duine aice a' fuireach ann an Lunnainn fhad 's a bha Siùsaidh a' trèanadh airson na ministrealachd san Eaglais Bhaisteach aig Colaiste Spurgeon. Fhuair i cead-searmonachaidh ann an 2017 agus bha i fhèin is Mìcheal stèidhichte ann am Poole ann an Dorset far an robh i na ministear air Eaglais Bhaisteach Longfleet. Tha i fhèin 's an duine aice, cuide ri màthair Siùsaidh, a-nise air gluasad a dh'Alba.
Programme Website