Main content

còmhla ris an Urr Siùsaidh NicDhonnchaidh

Seirbheis Didòmhnaich Slat Phailm còmhla ris an Urr Siùsaidh NicDhonnchaidh bhon Eaglais Bhaisteach. Palm Sunday Service conducted by Rev Suzie Roberts from the Baptist Church.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus na leughaidhean a leanas:
Màiri Mhoireasdan a' seinn Hosanna do'n t-Slanaighear
Joy Dunlop, Màiri Ann NicUalraig, Eòghann MacEunraig agus Fearghas Ròthach a' seinn Mòl do Dhia le Buidheachas is Sòlas
Iseabail Anna Mhàrtainn a' seinn Cliù Bìth-bhuan Thugamaid do Dhia
Na Brogues a' seinn Dèan Dhòmhsa Tuigse

Leughaidhean: Marcas 10:46 - 11:11

Thàinig Siùsaidh NicDhonnchaidh (neo Siùsaidh Algie, mar a bh' oirre mus do phòs i) dhan Eilean Sgiathanach sna 90an nuair a bha i 16. Dh'ionnsaich i Gàidhlig aig Ard-sgoil Phort Rìgh, 's chaidh i an uair sin gu Sabhal Mòr Ostaig. Bha i na neach-naidheachd air telebhisean agus rèidio airson 18 bliadhna, ag obair air prògraman leithid Telefios air Telebhisean Ghrampian agus Eòrpa is Aithris na Maidne air a' BhBC. Ghluais i a Shasainn ann an 2002 agus phòs i Mìcheal ann an 2005. Dìreach bliadhna às dèidh dhi pòsadh thàinig aillse broillich oirre, ach fhuair i seachad air.

Tha Siùsaidh air a bhith na Crìosdaidh còrr air 40 bliadhna, agus tha i ag ràdh gu bheil Dia air rudan mìorbhaileach a dhèanamh na beatha. Bha i fhèin agus an duine aice a' fuireach ann an Lunnainn fhad 's a bha Siùsaidh a' trèanadh airson na ministrealachd san Eaglais Bhaisteach aig Colaiste Spurgeon.

Fhuair i cead-searmonachaidh ann an 2017 agus bha i fhèin is Mìcheal stèidhichte ann am Poole ann an Dorset far an robh i na ministear air Eaglais Bhaisteach Longfleet. Tha i fhèin 's an duine aice, cuide ri màthair Siùsaidh, a-nise air gluasad a dh'Alba.

27 days left to listen

30 minutes

Broadcasts

  • Sunday09:00
  • Sunday15:00