Episode details

Available for 24 days
Tha Stephen Libby à Leòdhas air aire an t-saoghail a ghlacadh bhon a bhuannaich e an t-sreath The Traitors. A bheil Stephen air ìomhaigh nan “teuchtar” a thogail? Sin an ìomhaigh a tha, agus a bha riamh, aig eileanaich, agus gu bheil Gàidheil tric air an cur sìos no air am magadh le daoine le bhith gan gairm nan “teuchtar”. Tha beachdan gu leòr aig Iain Urchadan agus Emma ‘Scalpaigh’ NicLeòid air mar a tha iad a’ faireachdainn mu bhith a’ tighinn bhon bhratach seo. Tha am prògram Last One Laughing air ais le sreath ùr — prògram far nach eil e ceadaichte dha na comaigich a tha a’ gabhail pàirt gàireachdainn. Tha Michelle NicNeacail air a bhith air bhioran mu dheidhinn, leis gun do chòrd a’ chiad sreath rithe gu mòr, agus tha i ag innse mar a tha cùisean a’ dol às dèidh a’ chiad trì prògraman. A’ leantainn leis an t-sreath Fìor no Breug, tha Robbie Greig bhon phrògram Mas Fhìor a’ feuchainn ri Emma a mhealladh le trì sgeulachdan pearsanta — ach chan eil ach dà dhiubh fìor.
Programme WebsiteTracklist
- TrackArtist
- 1.DreamsDreamsFleetwood Mac
- 2.MatureMatureHilary Duff
- 3.The CaptainThe CaptainBiffy Clyro