Main content

Le Emma NicLaomainn

Naidheachdan, còmhradh, spòrs, ceòl agus fealla-dhà le Emma NicLaomainn. News, chat, sport, music and entertainment with Emma Lamont.

Tha Stephen Libby à Leòdhas air aire an t-saoghail a ghlacadh bhon a bhuannaich e an t-sreath The Traitors. A bheil Stephen air ìomhaigh nan “teuchtar” a thogail?
Sin an ìomhaigh a tha, agus a bha riamh, aig eileanaich, agus gu bheil Gàidheil tric air an cur sìos no air am magadh le daoine le bhith gan gairm nan “teuchtar”. Tha beachdan gu leòr aig Iain Urchadan agus Emma ‘Scalpaigh’ NicLeòid air mar a tha iad a’ faireachdainn mu bhith a’ tighinn bhon bhratach seo.

Tha am prògram Last One Laughing air ais le sreath ùr — prògram far nach eil e ceadaichte dha na comaigich a tha a’ gabhail pàirt gàireachdainn. Tha Michelle NicNeacail air a bhith air bhioran mu dheidhinn, leis gun do chòrd a’ chiad sreath rithe gu mòr, agus tha i ag innse mar a tha cùisean a’ dol às dèidh a’ chiad trì prògraman.

A’ leantainn leis an t-sreath Fìor no Breug, tha Robbie Greig bhon phrògram Mas Fhìor a’ feuchainn ri Emma a mhealladh le trì sgeulachdan pearsanta — ach chan eil ach dà dhiubh fìor.

24 days left to listen

1 hour, 27 minutes

Last on

Last Wednesday20:55

Music Played

  • Fleetwood Mac

    Dreams

    • The Very Best Of Fleetwood Mac.
    • Warner Strategic Marketi.
    • 2.
  • Hilary Duff

    Mature

  • Biffy Clyro

    The Captain

    • The Captain.
    • 14th Floor Records.
    • 1.
  • *NSYNC

    Bye Bye Bye

  • Picture This

    LA House Party

  • Luke Combs

    Re Think Some Things

  • Ella Langley

    Weren't For The Wind

Broadcasts

  • Last Wednesday12:00
  • Last Wednesday20:55