Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,24 Mar 2026,57 mins

le Coinneach Mac a' Ghobhainn

Naoi gu Deich

Available for 21 days

A bheil càil a dh'fheum ann an obair-dachaigh? Tha Pàrtaidh Uaine na h-Alba air moladh cur às do dheuchainnean agus obair-dachaigh - ach a bheil feum unnta idir? Tha Coinneach Mac a' Ghobhainn a' bruidhinn ri feadhainn a bha roimhe nan tidsearan mu na bha iadsan a' faicinn sa chlas-sgoile. Cluinnidh sinn cuideachd bhon t-sagairt Mgr Earraig, a bhuineas don Phòlainn, mu chleachdaidhean eadar-dhealaichte air feadh an t-saoghail son Didòmhnaich Slat Phailm. 'S e cleachdaidhean nan teintean faire mun cluinn sinn bhon Dr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart, agus mar a bhathas uaireigin a' lasadh theintean son fios a sgaoileadh feadh nan cladaichean air a' Ghàidhealtachd. Agus an t-seachdain sa 's e an sgrìobhadair Calum MacLeòid a tha air leabhar a thaghadh dhuinn bho chànan is bho chultar air taobh tha muigh saoghal na Gàidhlig agus na Beurla. Saoil carson a thagh e an nobhail ghoirid air a bheil "A Shining", le Jon Fosse, eadar-theangachadh bhon Nirribhis.

Programme Website
More episodes