Main content

le Coinneach Mac a' Ghobhainn

A bheil càil a dh'fheum ann an obair-dachaigh? With the Scottish Greens proposing to end school homework, Coinneach Smith discusses the utility of homework with two ex-teachers.

A bheil càil a dh'fheum ann an obair-dachaigh? Tha Pàrtaidh Uaine na h-Alba air moladh cur às do dheuchainnean agus obair-dachaigh - ach a bheil feum unnta idir? Tha Coinneach Mac a' Ghobhainn a' bruidhinn ri feadhainn a bha roimhe nan tidsearan mu na bha iadsan a' faicinn sa chlas-sgoile.

Cluinnidh sinn cuideachd bhon t-sagairt Mgr Earraig, a bhuineas don Phòlainn, mu chleachdaidhean eadar-dhealaichte air feadh an t-saoghail son Didòmhnaich Slat Phailm.

'S e cleachdaidhean nan teintean faire mun cluinn sinn bhon Dr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart, agus mar a bhathas uaireigin a' lasadh theintean son fios a sgaoileadh feadh nan cladaichean air a' Ghàidhealtachd.

Agus an t-seachdain sa 's e an sgrìobhadair Calum MacLeòid a tha air leabhar a thaghadh dhuinn bho chànan is bho chultar air taobh tha muigh saoghal na Gàidhlig agus na Beurla. Saoil carson a thagh e an nobhail ghoirid air a bheil "A Shining", le Jon Fosse, eadar-theangachadh bhon Nirribhis.

23 days left to listen

57 minutes

Last on

Last Tuesday22:25

Broadcasts

  • Last Tuesday09:00
  • Last Tuesday22:25