Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,10 Apr 2016,30 mins

An Dr Urramach Ruairidh MacLeòid

Dèanamaid Adhradh

Available for 28 days

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus leughaidhean a leanas: Salm 98: 1-2 air fonn London New agus 's e Eòin Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Port Rìgh. Salm 133: 1-2 air fonn Torwood agus 's e Uilleam Mac a' Ghobhainn a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Barabhas. Salm 106: 4-5 air fonn Glencairn agus 's e Calum MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart. Leughaidhean: Ephèsianaich 2: 11-19 agus Leabhar an Taisbeanaidh 21: 9-12 & 25 Fhuair sinn an naidheachd dhuilich gun do chaochail an Dr Urramach Ruairidh MacLeòid Disathairne sa chaidh. Bha an Dr Urramach MacLeòid air a bhith air leth taiceil dhuinn ann an iomadach doigh thar nam bliadhnaichean a’ toirt thugainn seirbheisean agus smuaintean cho tric sam b’urrainn dha ar cuideachadh. Tha sinn a’ cuimhneachadh air a bhean san teaghlach air fad aig an àm dhuilich seo. Rugadh Ruairidh MacLeòid ann an Loch nam Madadh agus bha e na mhinistear ann an Cumlodain, Taobh Loch Fìn agus Loch Geàrr bho 1985 gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 2012. Bha e bliadhna thar fhichead mar mhinistear ann am Beàrnaraigh na Hearadh mus tàinig an cabhsair. Bha e cuideachd an sàs ann an grunn bhuidhnean Gàidhlig, leithid Urras MhicCaoig agus Comann Litreachas na h-Alba, a bharrachd air comataidhean Gàidhlig san eaglais. Bha e na dheasaiche air na Duilleagan Gàidhlig dha Eaglais na h-Alba airson iomadh bliadhna. Bhiodh e cuideachd a' cumail seirbheisean Gàidhlig mhìosail ann am Meadhan Earra Ghàidheal agus anns an Òban .

Programme Website
More episodes