An Dr Urramach Ruairidh MacLeòid
Seribheis còmhla ris An Dotair Urramach Ruairidh MacLeòid (nach maireann). Gaelic religious service conducted by the late Rev Dr Roddy MacLeod from 2016.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus leughaidhean a leanas:
Salm 98: 1-2 air fonn London New agus 's e Eòin Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Port Rìgh.
Salm 133: 1-2 air fonn Torwood agus 's e Uilleam Mac a' Ghobhainn a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Barabhas.
Salm 106: 4-5 air fonn Glencairn agus 's e Calum MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.
Leughaidhean: Ephèsianaich 2: 11-19 agus Leabhar an Taisbeanaidh 21: 9-12 & 25
Fhuair sinn an naidheachd dhuilich gun do chaochail an Dr Urramach Ruairidh MacLeòid Disathairne sa chaidh. Bha an Dr Urramach MacLeòid air a bhith air leth taiceil dhuinn ann an iomadach doigh thar nam bliadhnaichean a’ toirt thugainn seirbheisean agus smuaintean cho tric sam b’urrainn dha ar cuideachadh. Tha sinn a’ cuimhneachadh air a bhean san teaghlach air fad aig an àm dhuilich seo.
Rugadh Ruairidh MacLeòid ann an Loch nam Madadh agus bha e na mhinistear ann an Cumlodain, Taobh Loch Fìn agus Loch Geàrr bho 1985 gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 2012. Bha e bliadhna thar fhichead mar mhinistear ann am Beàrnaraigh na Hearadh mus tàinig an cabhsair.
Bha e cuideachd an sàs ann an grunn bhuidhnean Gàidhlig, leithid Urras MhicCaoig agus Comann Litreachas na h-Alba, a bharrachd air comataidhean Gàidhlig san eaglais. Bha e na dheasaiche air na Duilleagan Gàidhlig dha Eaglais na h-Alba airson iomadh bliadhna. Bhiodh e cuideachd a' cumail seirbheisean Gàidhlig mhìosail ann am Meadhan Earra Ghàidheal agus anns an Òban .
Last on
An Dotair Urramach Ruairidh MacLeòid

Broadcasts
- Sun 10 Apr 201609:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 10 Apr 201614:59BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 6 Oct 202421:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sunday21:00BBC Radio nan Gàidheal
