
La Mor nan Coisirean Duthchail
Cathy NicDhòmhnaill le prìomh fharpaisean nan còisirean dùthchail bho Mhòd Ghlaschu. Cathy Macdonald presents the premier rural choirs competitions from the Mòd in Glasgow.
Tha Cathy NicDhòmhnaill a' toirt thugaibh Là Mòr nan Còisirean Dùthchail aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Glaschu. Bidh còisirean bho air feadh Alba a’ strì airson na prìomh dhuaisean - Sgiath Latharna, a bhuannaich Còisir Ghàidhlig Bharraigh ann an 2025 aig Mòd Loch Abar; agus Cuach Cuimhneachan an t-Siorraim MacMhaighstir Caimbeul a ghlèidh Còisir Ghàidhlig Ìle an uiridh.
Còmhla ri Cathy san stiùidio, bidh dithis eòlaiche a’ measadh agus a’ toirt seachad am beachdan air na còisirean bhon dà fharpais iomraiteach seo. Bidh cothrom ann cuideachd èisdeachd ri na buidhnean a choisinn farpaisean còisir a ghabh àite sa mhadainn, nuair a bha Geall-dùbhlain Telebhisean Grampian agus Geall-dùbhlain Cuimhneachan Aline NicCoinnich gan toirt seachad am measg eile.
Cathy Macdonald presents live coverage of the premier competitions for rural choirs at the Royal National Mòd in Glasgow. Choirs from all over Scotland will be competing to win the prestigious Lorn Shield and the Sheriff MacMaster Campbell Memorial Quaich. Barra Gaelic Choir and Islay Gaelic Choir were the respective winners of these two competitions at the Lochaber Mod in 2025.
Cathy will be joined in the studio by two expert guests to offer comment and analysis on the performances in both competitions. The programme will also feature the winning choirs from earlier in the day when the Grampian Television Trophy for Ladies’ Voices and The Aline MacKenzie Memorial Trophy for Puirt à Beul were awarded, amongst others.
On TV
Broadcast
- Thu 15 Oct 202613:30