Main content

'S e Aonghas Dòmhnallach cèiliche na seachdain

'S e Aonghas Dòmhnallach an cèiliche a th' aig Cathy NicDhòmhnaill an-diugh. Cathy MacDonald's guest this week is broadcaster Angus MacDonald from Point, Lewis.

Le dubhadh na grèine air fàire a-nochd, tha an Dr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart a' toirt dhuinn iomradh air mar a thug dubhadh o chionn ceudan bhliadhnachan buaidh air daoine: bho bhith sguir a thogail gàrradh-cip air mòinteach Ghriais, gu feagal sna bailtean mòra ann an Sasainn.

Cluinnidh sinn cuideachd mun bhuaidh a tha dubhadh a' toirt air eunlaith is mar a bhios e a' tachairt cho ainneamh am measg iomadach taobh eile air a' ghnothaich leis an t-eòlaiche saidheans Iain MacAonghais.

Agus 's e Aonghas Dòmhnallach às a' Rubha an Leòdhas an cèiliche a tha còmhla ri Cathy air a' mhadainn sa - is e a' coimhead air ais air a bheatha eadar craoladh, croitearachd, agus an ùidh mhòr a th' aige sna speuran.

28 days left to listen

57 minutes

Broadcasts

  • Wednesday09:00
  • Wednesday22:55